Sailm 51
51
1Dèan tròcair orm, a Dhia nan gràs,
gu h-iochdmhor saor-sa mis’;
Rèir lìonmhorachd do thròcair chaoimh,
glan as m’uil’ easaontas.
2Gu h-iomlan ionnail mi om lochd,
glan mi om chiont’ ad ghràdh:
3Oir tha mi ’g aidmheil m’easaontais,
’s lèir dhomh mo lochd a-ghnàth.
4Ad aghaidh, ’d aghaidh fhèin a-mhàin;
do pheacaich mi gu trom,
Is ann ad fhianais fhèin, a Dhè,
an t-olc seo rinneadh leam:
Do chum air labhairt dhut a-mach,
gum biodh tu cothromach:
’S gum biodh tu glan tràth bheir thu breith,
is ceart neo-eucorach.
5Am peacadh, feuch, do dhealbhadh mi,
is ann an cionta fòs
Do ghabh mo mhàthair mi na broinn,
tràth ghineadh mi o thòs.
6An taobh a-staigh don chridhe, feuch,
an fhìrinn ’s ionmhainn leat:
San ionad fhalaicht’ bheir thu orm
gun tuig mi gliocas ceart.
7Le hiosop dèan-sa mise glan,
is bitheam glan gu beachd;
Dèan m’ionnlad fòs, mar sin bidh mi
nas gile dhut na sneachd.
8Guth subhachais thoir orm gun cluinn,
is fonn an aoibhneis ait;
Mar sin nì gàirdeachas gu mòr
na cnàmhan bhriseadh leat.
9Om pheacaibh is o m’easaontais
falaich do ghnùis, a Dhè;
Mo sheachrain is m’uil’ eucoir fòs
glan thusa uam gu rèidh.
10Dhia, cruthaich annam cridhe glan;
ath-nuadhaich spiorad ceart.
11Na tilg od shealladh mi; ’s na buin
do spiorad naomha leat.
12Is aisig dhomh ùr-ghàirdeachas
do shlàinte chàirdeil fhèin;
Is dèan-sa fòs mo chumail suas,
led spiorad saor gu treun.
13’N sin teagaisgeam do shlighe, Dhè,
don dream a bhris do reachd;
Is tillear riut le aithreachas
na peacaich thruagh’ gu beachd.
14O chionta fola saor-sa mi,
O Dhia, a Dhè mo shlàint’:
Seinnidh gu h-àrd air d’fhìreantachd
mo theanga anns gach àit.
15Mo bhilean, tha air druideadh suas,
fosgail, a Dhè nan gràs;
An sin do mholadh le mo bheul
cuiridh mi ’n cèill gu h-àrd.
16Oir ìobairtean chan iarrar leat,
no bheirinn dhut gach rè:
An ofrail-loisgte fòs air bith
chan eil do thlachd, a Dhè.
17An spiorad briste, tùirseach, trom,
siud ìobairt Dhè nan dùl:
Ri cridhe briste brùit’, a Dhè,
gu bràth cha chuir thu cùl.
18Ad dheagh-ghean dèan-sa math, a Dhia,
air Sion do chnoc fhèin:
Ballan Ierusaleim gu luath,
tog suas led làimh gu treun.
19’N sin taitnidh ìobairt cheartais riut,
ofrail, ’s làn ofrail-loisgt’;
’N sin bheirear colpaich dhutsa suas,
air d’altair naomh gun fhois.
Currently Selected:
Sailm 51: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000