YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 50

50
1Labhair an Dia Iehòbhah treun,
an talamh ghairm gu lèir,
On àird an ear gu àird an iar,
o èirigh gu laigh’ grèin’;
2A Sion àrd, as foirfe mais’,
do dhealraich Dia nam feart.
3Oir thig ar Dia ’s cha bhi na thosd,
ach labhraidh e le neart:
Thèid teine millteach ro a ghnùis,
a’ lasadh suas gu garg:
’S ma thimcheall-san gu doineannach,
bidh e na chaoiribh dearg’.
4Air talamh, is air nèamh nan neul,
àrd-ghairmidh e gu treun,
Gun tugadh e ceart-bhreitheanas
air uile phoball fhèin.
5Am ionnsaigh cruinnichibh mo naoimh,
is tionailibh an dream
A rinn gu dìleas is gu dlùth,
le ìobairt, cùmhnant leam.
6A cheartas-san nì nèamh nan neul
a chur an cèill na àm:
Oir ’s e Iehòbhah fhèin gu beachd
as aon àrd-bhritheamh ann.
7Mo phoball Isra’l èisdibh rium,
is labhraidh mi gu ceart;
Ad aghaidh togam fianais fhìor,
’s mi Dia, do Dhia gu beachd.
8Mud ofrailibh chan agram thu,
no fòs mud ìobairt-loisgt’,
Oir ’m fhianais thug thu iad a-ghnàth,
is fhuaras iad gun fhois.
9Oir as do thaigh cha ghabhainn uat
mar ìobairt biorach bò;
’S cha ghabhainn gobhar fhireann fòs
mar ofrail as do chrò.
10Gach ainmhidh beò a tha an coill’
is leamsa sin gu lèir,
’S na h-uile sprèidh air mìle cnoc,
tha ’g ionaltradh air feur.
11An eunlaith ’s aithne dhomh air fad,
tha ’g itealaich feadh bheann:
’S leam gach fiadh-bheathach uile fòs,
feadh gharbhlaich agus ghleann.
12Geur-acras nam biodh orm, no gort,
cha chuirinn dhuts’ an cèill,
Oir ’s leam an domhan mun iadh grian,
is na bheil ann gu lèir.
13Fuil ghobhar ’n e gun òlainn uat?
feòil tharbh an ithinn i?
14Ioc ìobairt-bhuidheachais do Dhia,
’s do bhòidean don Ard-Rìgh.
15An là do thrioblaid is do theinn,
goir orm an sin gu ceart:
Ort fuasglam, is bheir thusa glòir
dom ainm-s’ a chuidich leat.
16Ach ris an droch dhuin’ labhraidh Dia,
Mo statuin chur an cèill
Am buineadh dhut, no ghabhail fòs
mo chùmhnaint ann ad bheul;
17Dom achmhasan o thug thu fuath,
’s an spèis riamh e nìor chuir;
Ach thilg mo bhriathran air do chùl,
gan diùltadh uat gu tur?
18Tràth chunnaic thu an gadaich’ dàn,
dh’aontaich thu leis na olc:
’S le luchd an adhaltranais a-rìs,
b’fhear-comainn thu nan lochd.
19Do theanga thug thu chumadh brèig’,
chum uilc thug thu do bheul.
20Dod bhràthair shuidh thu thabhairt guth;
’s do mhac do mhàthar beum’.
21Na nithean seo do rinneadh leat,
is dh’fhan mi dhìot am thosd;
Is shaoil thu mar a tha thu fhèin,
gum b’amhlaidh mi gach achd:
Ach cronaicheam do pheacaidh dhut,
ad amharc cuiream iad;
A-chum gum faiceadh do dhà shùil,
nach fal’chear ormsa beud.
22O sibhs’, a dhream nach cuimhnich Dia,
nis tuigibh seo na àm;
Mun dèan mi liodart oirbh gu cas,
gun neach dur furtachd ann.
23An tì bheir ìobairt-mholaidh uaith’,
’s e sin bheir dhòmhsa glòir:
Oir nochdam slàinte Dhè don fhear
a ghluaiseas mar as còir.

Currently Selected:

Sailm 50: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy