Laoidhean 28
28
LAOIDH 28
Isaiah 58.5-9
1Feuch! ciod an trasg is aill le Dia,
an e bhi cianail trom!
No sgeadaichte le samhladh bròin,
is aghaidh leòinte chrom?
2An ionmhuinn leam sa éididh bròin,
deir Righ na glòir' e féin?
Le ceann air lùbadh, 's gnùis fo smal,
am faigh sibh uamsa spéis?
3Ri daoine truagh 'gan sàruchadh,
cum baigh is cothrom maith;
'S do dhaoine bochd is an‑shocrach
gabh curam, 's biodh ort rath.
4Do'n dilleachd ocrach thoir do bhiadh,
's biodh d'fhardach fial gach uair
Do'n choigreach tha gun àite tàimh,
's do'n ànrach dhiblidh thruagh.
5Còmhdaich an lannochd, dion am fuar,
tog suàs an ti fo leòn;
'S na druid do chridhe le h‑an‑iochd
o neach air bith 's an fheòil.
6An sin mar mhaduinn shoilleir chiùin,
bidh t'ùin' air thalamh bhos;
Air d'uile shlighe dealraidh Dia,
's o d'iarguin gheibh thu fois.
Právě zvoleno:
Laoidhean 28: LSN1987
Zvýraznění
Kopírovat
Porovnat
Sdílet
Chceš mít své zvýrazněné verše uložené na všech zařízeních? Zaregistruj se nebo se přihlas
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987