Gnàth‑fhacal 6

6
LAOIDH 12
Gnàth‑fhac. 6.6-12
6-12 Èirich a lunndaire#6.6-12 lunndaire leisgeadair gu grad,
'S thoir ort#6.6-12 thoir ort thoir aire dhan an seangan beag gun stad,
Oir ged nach d' fhuair e riamh fear‑iùil,
No neach ga ghreasadh air a chùl;
2 Fa chomhair geamhraidh nì e deas,
A' cuimhneachadh gun tàmh a leas;
San t‑samhradh trusaidh e a lòn,
San fhoghar iomlan tha a stòr.
3 Ach cuin a dh'èireas tus od shuain?
A lunndaire#6.6-12 lunndaire leisgeadair, nach dùisg thu suas?
Chan iarr do leisg ach tuilleadh tàimh,
Le clò don t‑sùil, is pasgadh làmh.
4 Ach feuch tha bochdainn agus bròn,
Ag iadhadh air gach làimh nad chòir;
'S mar ghaisgeach armach teachd nad dhàil,
Trom‑bhruthaidh iad do cheann fon sàil.

Subratllat

Copia

Compara

Comparteix

None

Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió