Eòin 3
3
LAOIDH 41
Eòin 3.14-19
14-19Nuair thogadh suas an nathair phràis
le Maois, san fhàsach chruaidh,
Dhearc oirre 'n dream bha dlùth don bhàs,
is shlànaicheadh an sluagh;
2 Mar seo tha Crìosd air àrdachadh,
gu slàinte thabhairt dhuinn;
Seallaidh na slòigh chaidh 'n lot an‑àird,
is slànaichear gach tinn.
3 Cia ana‑mhòr#3.14-19 ana‑mhòr air leth mòr tròcair Dhia nan gràs:
cia pailt a ghràdh is iochd,
A thug a mhac mar ìobairt suas,
a dh'fhulang truaigh nar riochd!
4 Chan ann a dhìteadh clann nan daoin'
a thàinig Crìosd o nèamh;
Geur‑lann#3.14-19 Geur‑lann claidheamh gu sgrios cha robh na làimh
no bagradh bàis na bheul.
5 Le creideimh slàinteil gèillibh‑sa,
a luchd mì‑bheus, dha reachd;
Is bheir e tèaraint' sibh an sìth,
ga rìoghachd tha ri teachd.
6 Ach leanaidh dìoghaltas gu luath
an sluagh nach gèill na thràth,
An dream nì dìmeas air mac Dhè,
's nach èist ri tairgs' a ghràis.
S'ha seleccionat:
Eòin 3: LSN1987
Subratllat
Copia
Compara
Comparteix
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987