Genesis 28
28
LAOIDH 2
Genesis 28.20-22
20-22 Dhè Bhèteil, led làimh thoirbheartaich
's tu bheathaich d' Isra'l fhèin:
'S a threòraich feadh an turais sgìth,
ar sinnsirean gu lèir;
2 Ar bòid 's ar n‑ùrnaigh nis a tha
aig lath'r do chathair ghràis;
Bi leinn, O Dhia ar n‑athraichean!
's na dìobair sinn gu bràth.
3 Tre cheuman dorch ar beatha 'n seo,
O treòraich thusa sinn;
'S o latha gu latha ar teachd‑an‑tìr,
's ar n‑èideadh‑cuirp thoir dhuinn.
4 Fo sgàil do sgèith, O dèan ar dìon
gu crìch ar seachrain sgìth,
Is thoir dar n‑anman fois fa‑dheòidh
nad chòmhnaidh shuas an sìth.
5 Na tiodhlacan seo, Dhè nan gràs,
thoir dhuinn od làimh gu fial;
'S a‑nis, 's o seo a‑mach gu bràth,
is tu a ghnàth ar Dia.
S'ha seleccionat:
Genesis 28: LSN1987
Subratllat
Copia
Compara
Comparteix
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987