Sailm Dhaibhidh 98

98
Salm 98
1O seinnibh òran nuadh do Dhia,
rinn beairtean mìorbhaileach:
'S i dheaslàmh fhèin 's a ghàirdean naomh
thug dhàsan buaidh a‑mach.
2Feuch, thaisbein Dia gu follaiseach
fhurtachd 's a shlàinte mhòr;
Am fianais chinneach nochdadh leis
fhìreantachd fhèin gu leòr.
3Chuimhnich e fhìrinn is a ghràs
do theaghlach Israèil;
Is slàint' ar Dia-ne chunnaic fòs
gach iomall tìr gu lèir.
4Do Dhia Iehòbhah togaibh suas
àrd-iolach ait, gach tìr:
Togaibh ur guth: bibh subhach fòs,
is seinnibh moladh fìor.
5Do Dhia Iehòbhah mòr nam feart
seinnibh air clàrsaich ghrinn;
Le clàrsaich (deirim) seinnibh dha,
le guth na sailm gu binn.
6Le fuaim na h‑adhairc seinnibh dha,
's le guth na trompaid àird':
Do Dhia an t‑Ard-Rìgh seinnibh fòs,
le iolach ait 's gach àit.
7Beucadh an fhairge mhòr gu borb,
's an làn tha innt' le chèil';
An domhan, is gach dùil a tha
an còmhnaidh ann gu lèir.
8Buaileadh na tuiltean mòr' am bos';
na slèibhtean bitheadh ait,
9An làthair Dhè; oir tha e teachd
air talamh thabhairt ceirt:
Le ceartas math bheir e a‑mach
breith air a' chruinne-chè;
Bheir air a' phoball breitheanas
le cothrom fìorghlan rèidh.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 98: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy