Sailm Dhaibhidh 99

99
Salm 99
1Tha Dia na Rìgh, is criothnaicheadh
gach uile shluagh air bith;
'S e shuidheas eadar cheruban,
biodh air an talamh crith.
2An Sion tha Iehòbhah mòr,
as àrd os cionn gach sluaigh.
3D'ainm mòr ro‑uamhar molar leo,
oir tha e naomh ra luaidh.
4Is toigh le neart an Rìgh ceart-bhreith:
's tu shocraicheas a' cheart:
An Iàcob breitheanas is còir
cuiridh tu 'n gnìomh gu beachd.
5Ar Dia Iehòbhah àrdaichibh,
is sleuchdaibh dha gu caomh,
Aig stòl a chos gu h‑urramach;
oir tha e fhèin ro‑naomh.
6Am measg a shagart Aaron 's Maois,
bha Samuel den dream
A ghair air ainm: dh'iarr iadsan Dia,
fhreagair e iad san àm.
7Am baideal neòil gu gràsmhor caoin
labhair an Tighearn riu:
Na h‑àitheantan a thug e dhaibh,
's a theisteas ghleidheadh leo.
8Iehòbhah Dia, thug freagradh dhaibh:
's tu 'n Dia a mhaith an lochd,
Ged rinn thu orra dìoghaltas
airson an innleachd olc.
9Ar Dia Iehòbhah àrdaichibh
's na thulaich naomh a‑ghnàth,
Sìos sleuchdaibh dha gu h‑iriosal;
oir 's naomh ar Dia gu bràth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 99: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy