Sailm Dhaibhidh 97

97
Salm 97
1Iehòbhah mòr 's e tha na Rìgh,
biodh aiteas air gach tìr;
'S air eileanan tha lìonmhor ann,
biodh gàirdeachas gu lèir.
2Tha neulan tiugh' is dorchadas
ma thimcheall air gach leth:
'S e 's còmhnaidh fòs da chathair-rìgh
deagh chothrom is ceart-bhreith.
3Tha teine millteach ro a ghnùis
ag imeachd air gach àird,
Len loisgear suas gu lasarach
a naimhdean anns gach àit.
4Le solas glan a dhealanaich
dhealraich an cruinne-cè:
Chunnaic an talamh siud gu dearbh,
ghrad-chlisg is chriothnaich e.
5Na cnuic, an làthair Dhia nan dùl,
leagh as air fad mar chèir;
Ro ghnùis Àrd-Rìgh an domhain mhòir
leagh iadsan as gu lèir.
6Na nèamhan cuiridh 'n cèill a cheart;
is chì gach sluagh a ghlòir.
7Do dhealbhan snaidhte meud 's a chrom
gu robh dhaibh amhluadh mòr,
Tha dèanamh uaill is ràiteachais
à iodhalan nach fiù;
Gach uile dhè a tha sibh ann,
sleuchdaibh do Dhia nan dùl.
8Rinn Sion aoibhneas nach bu ghann,
an uair a chual' i 'n sgeul,
Rinn nighean Iùdah gàirdeachas
mud bhreitheanais, a Dhè.
9Oir tha thu, Dhia Iehòbhah, àrd
os cionn gach uile thìr:
Tha thu air d'àrdachadh gu mòr,
os cionn gach dia gu lèir.
10Sibhse len ionmhainn Dia ro‑naomh,
fuathaichibh olc a‑chaoidh;
Anam a naomh sìor ghleidhidh e;
saoraidh o làimh nan daoi.
11Cuirear mar phòr gu frasach pailt,
solas don fhìreanach;
Is aoibhneas dhaibhsan fòs a tha
nan cridhe treibhdhireach.
12Biodh aiteas oirbh an Dia na glòir'
O fhìreanan gu lèir;
Is thugaibh buidheachas do Dhia,
ri cuimhn' a naomhachd fhèin.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 97: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy