Sailm Dhaibhidh 59

59
Salm 59
1Teasairg, is saor mi, O mo Dhia,
om naimhdean dh'èireas rium.
2O luchd an uilc tha fuileachdach,
dìon mis', is cuidich leam.
3Feuch 'n aghaidh m'anam' laigh am fàth
is chruinnich daoine treun:
Chan ann, a Dhia, airson mo lochd,
no cron a rinn mi fhèin.
4A' ruith tha iad, gun chron am thaobh,
's gu h‑ullamh dol air ghleus:
Chum teachd dom fhurtachd mosgail tràth,
is thoir fa‑near am beus.
5O Dhè nan sluagh, Dhè Israeil,
mosgail 's gum fiosraicht' leat
Na cinnich: 's na dèan iochd air neach
gu h‑aingidh bhris do reachd.
6Air teachd don fheasgar tillidh iad:
a' donnalaich gu h‑àrd,
Mar choin, mun bhail' a' cuartachadh,
is amhlaidh sin tha iad.
7Feuch, brùchdaidh iad a‑mach lem beul;
nam bilean claidheamh geur;
Cò chluinneas sin, no bheir fa‑near?
's e siud as cainnt dhaibh fhèin.
8Ach thusa, Dhia Iehòbhah mhòir,
nì gàire fanaid riu;
Is mar bhall-magaidh bithidh fòs
na cinnich ann ad shùil.
9Airson gur mòr 's gur math do neart,
sìor fheitheam ort a‑ghnàth:
Do bhrìgh gu bheil dhomh Dia nan dùl
na dhìdean dlùth gu bràth.
10Bidh Dia on tig mo thròcair chaomh
dol romham air gach ceum:
'S e Dia bheir dhomh air m' eascairdean
mo rùn gum faic mi fhèin.
11Mum bi mo phoball dìochuimhneach,
na marbh an aitim ud:
O Dhia ar sgiath, sgaoil iad led neart
is leag gu h‑ìosal fo'd.
12Fa lochd an teangaidh, 's cainnt am bèil,
nan àrdan glacar iad:
Fa chùis nam mallachd, is nam breug
a labhair iad os àird.
13Sgrios iad ad fheirg, sgrios iad gu tur,
is thèid iad as gu dian:
Is tuigidh 'n sin gach uile thìr,
rìgh Iàcoib gur e Dia.
14'S air teachd don fheasgar tilleadh iad,
a' donnalaich gu h‑àrd,
Mar choin, mun bhail' a' cuartachadh,
is amhlaidh bitheadh iad,
15Ag iarraidh bìdh gu seachranach,
's gu luaineach ann an teinn;
A' dèanamh gearain anns an oidhch',
mur bi an sàth nam broinn.
16Ach mise molar leam do neart;
gu moch a' seinn do ghràis,
Airson gur tu mo thèarmann treun,
's mo dhaingneach fhèin 's gach càs.
17'S tu fhèin mo neart, dhut canam fonn,
's e Dia mo dhìdean treun:
'S e 'n Dia sin fhèin rinn tròcair orm,
's a chuidich leam am fheum.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 59: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy