Sailm Dhaibhidh 58

58
Salm 58
1An labhair sibhs', a choitheanail,
an fhìrinn cheart neo-chlaon?
'S an tabhair sibh gu cothromach
breith cheart, a chlann nan daoin'?
2Is ann ur crìdh' tha sibh a' dealbh
mòr aingidheachd gun tàmh:
'S air talamh tha sibh tomhas fòs,
foireigin chruaidh ur làmh.
3Luchd-uilc, o thig iad as a' bhroinn,
siùbhlaidh air slighe fhiair:
Tràth bheirear iad, air seachran thèid,
a' labhairt bhreug gach ial.
4An nimh mar nimh na nathrach tha:
mar nathair dhruid a cluas;
5Ri guth nan draoidh tha eagnaidh seòlt',
nach èisd, is fòs nach gluais.
6Am fiaclan bris, a Dhè, nam beul;
a Thighearn làidir threun,
Pronn fiaclan agus tuisg ro‑mhòr
nan leòmhann òg' gu lèir.
7Gun leaghadh iad, a' sileadh sìos,
mar uisge ruith le gleann:
'S a shaighdean bris, tràth chuireas e
a bhogh' air lagh gu teann.
8Mar sheilcheig bhios a' leaghadh as,
rachadh iad as gu dian;
Mar thoraicheas an‑abaich mnà
na faiceadh iad a' ghrian.
9Mum mothaich seadh ur coireachan
o choille chrionaich teas,
Nì Dia, 's iad beò, na chorraich ghèir
le cuairt-ghaoith dhian an sgrios.
10Bidh aoibhneas air an fhìrean chòir,
nuair chì e 'n dìoghaltas:
Is ann am fuil luchd-aingidheachd
nighidh e fòs a chas.
11Their duine 'n sin gu bheil gun cheist
deagh dhuais aig daoine còir;
'S gu bheil air talamh fòs gu beachd
na bhritheamh Dia na glòir'.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 58: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy