Sailm Dhaibhidh 60

60
Salm 60
1A Dhè, do thilg thu sinne uait,
dh'fhuadaich thu sinn air fad,
Oir bha thu rinn an corraich ghèir;
till rinn thu fhèin gu grad.
2Chuir thus' an talamh trom air chrith;
is fòs do bhris thu e;
Slànaich a bhriseadh, oir gu beachd
air criothnachadh tha e.
3Do thaisbein thusa nithean cruaidh
don t‑sluagh as leat le còir:
Fìon buaireasach chuir uamhann oirnn,
thug thusa dhuinn ra òl.
4Ach thug thu bratach àrd, a Dhè,
don dream don eagal thu:
A‑chum gun sgaoilte siud a‑mach,
bhrìgh fìrinn dhut le cliù.
5O dhaorsa chum gun saorar leat
do phoball ionmhainn fhèin:
Èisd rium, is slànaich mi gu grad
led dheaslàimh làidir thrèin.
6Na naomhachd labhair Dia nam feart,
Bidh aoibhneas orm nach gann:
Air Sechem nì mi roinn gu ceart,
gleann Shucoit tòimhsear leam.
7'S leam Gilead le dlighe cheirt,
Manaseh 's leam gu beachd;
'S i treubh Ephraim neart mo chinn,
bheir Iùdah mach mo reachd.
8Is soitheach-ionnlaid Mòab dhomh;
tilgeam thar Edom thruaigh
Mo bhròg; is nì mi caithreim binn
thar Palestin le buaidh.
9Cò bheir don chathair dhainginn mi,
's gu Edom bheir gu ceart?
10Nach tusa, Dhia, len d'thrèigeadh sinn,
's nach deachaidh mach ler feachd?
11O thrioblaid tabhair còmhnadh dhuinn,
oir 's dìomhain furtachd dhaoin'.
12Tre Dhia nì sinne treubhantas;
's e shaltras naimhdean fodh'n.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 60: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy