Sailm Dhaibhidh 42

42
Salm 42
1Mar thogras fiadh na sruthan uisg'
le bùireadh àrd gu geur,
Mar sin tha m'anam plosgartaich,
ag èigheach riutsa, Dhè.
2Tha tart air m'anam 'n geall air Dia,
'n geall air an Dia tha beò:
O cuin a thig 's a nochdar mi
am fianais Dhia na glòir'?
3Gach là is oidhch' is iad mo dheòir
as cuibhreann dhomh 's as biadh:
An uair a their iad rium a‑ghnàth,
Càit bheil a‑nis do Dhia?
4Tha m'anam air a dhòrtadh mach,
a' cuimhneachadh gach nì;
Oir chaidh mi leis a' chuideachd mhòir,
dol leo gu teampall Dè;
Seadh, chaidh mi leo le gàirdeachas,
is moladh fòs le chèil',
Seadh, leis a' chuideachd sin a bha
a' coimhead làithean fèill'.
5O m'anam! cuim' a leagadh thu
le dìobhail misnich sìos?
Is cuim' a bheil thu 'n taobh staigh dhìom
fo thrioblaid is fo sgìos?
Cuir dòchas daingeann ann an Dia,
oir fhathast molam e,
Airson na furtachd is na slàint'
thig dhomh o 'aodann rèidh.
6Thuit m'anam annam sìos, a Dhè,
ghrad-chuimhnich mi 'n sin ort;
O thalamh Iòrdain, Hermoin àird,
o Mhitsar fòs nan cnoc.
7Le fuaim do shruthan uisge fhèin,
tha doimhn' air dhoimhne gairm:
Do stuaighean, is do thonnan àrd'
dol tharam tha le toirm.
8Ordaichidh Dia de ghràsan dhomh
a choibhneas anns an lò:
San oidhche nì mi guidhe 's ceòl
ri Dia a chùm mi beò.
9Mo charraig, cuim' a thrèig thu mi?
ri Dia a deir mi fhèin:
Is cuim' a bheil mi triall fo bhròn,
bhrìgh fòirneart m'eascair thrèin?
10Mar lann am chnàmhan, m'eascairdean
toirt toibheim dhomh a ta:
Tràth their iad rium gu fanaideach,
Càit bheil do Dhia? gach là.
11O m'anam, cuim' a leagadh thu,
le dìobhail misnich sìos?
Is cuim' a bheil thu 'n taobh staigh dhìom
fo aimheal is fo sgìos?
Cuir dòchas daingeann ann an Dia:
oir molam e a‑ghnàth.
O 's e as slàinte do mo ghnùis,
is e mo Dhia gu bràth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 42: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy