Sailm Dhaibhidh 41

41
Salm 41
1'S beannaicht' am fear a bheir gu glic
fa‑near an duine bochd:
An uair a thrioblaid is a theinn,
bheir Dia e saor on olc.
2Nì Dia a dhìon, 's a chumail beò,
is beannaicht' e san tìr:
Gu toil a naimhdean mìorunach
na tabhair e gu sìor.
3Air leabaidh 'thinneis iarganaich
bheir Dia dha neart is treòir:
A leabaidh nì thu dha air fad
ri àm a thinneis mhòir.
4Thubhairt mi, Dèan-sa tròcair orm,
a Thighearn is a Dhè;
Is leighis m'anam easlan bochd,
oir 'd aghaidh pheacaich mi.
5Tha an dream sin as fìor-naimhdean dhomh
a' labhairt orm le beum:
O cuin a sgriosar 'ainm-san as,
's a thèid e sìos don eug?
6Ma thig e 'm amharc, labhraidh e
cainnt dhìomhanach le bheul:
Tha chrìdh' a' torradh nimh a‑staigh,
's a‑muigh a' dèanamh sgèil.
7Sìor-chagarsaich an cluais a chèil',
luchd m'fhuath' a ta air fad:
A' smaoineachadh 's a' cumadh lochd
am aghaidh fhèin gun stad.
8Droch thinneas (deir iad) tha gu dlùth
a' leantainn ris ra bheò;
Air bhith dha nis na laigh' gu tinn,
chan èirich e nas mò.
9Am fear bu charaid dìleas dhomh,
rin earbainn gach nì b'àill,
'S a dh'ith dem aran air mo bhòrd,
am aghaidh thog e shàil.
10Ach thusa, Dhè, dèan tròcair orm,
is tog mi rìs an àird,
A‑chum gun tugainn luigheachd dhaibh,
is comain cheart gun dàil.
11Tre seo is fiosrach mi gu beachd
gur ionmhainn leatsa mi;
Airson nach tug mo naimhdean buaidh
's nach d'rinneadh leo mo chlaoidh.
12Ach mise, ann am ionracas,
's tu sheasas mi a‑ghnàth:
Am fianais fòs do ghnùise, Dhè,
gam shocrachadh gu bràth.
13Iehòbhah, Dia chloinn Israeil,
beannaicht' gu robh e fhèin,
O aois gu aois gu suthainn sìor,
Amen, agus Amen.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 41: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy