Laoidhean 16

16
LAOIDH 16
Ecles. 12.1
1Cuimhnich do Dhia an làithibh d'òig,
làithean gun bhròn gun chall;
Mu'n tig na bliadhnaidh breòite tinn,
's am fàs air d'inntinn smal.
2Mu'n tig gu àirde cruas do chridh',
grad‑sgrìobh air lagh do Dhia;
'S do Chruithfhear cuimhnich fòs an tràs,
mu 'm fàs thu aosmhor liath.
3Oir, goirid uait tha pian is bròn,
na neòil tha cheana dlùth
Ni d'aoibhneas dorch, is d'òige sean,
a' cur do ghean air chùl,
4'S gearr gus an gearain thu gu goirt
fo sprochd is iarguin aois',
'S an cuimhnich thu air aighear t'òig',
nach pill ni 's mò do d'thaobh.

Выбрано:

Laoidhean 16: LSN1987

Выделить

Копировать

Сравнить

Поделиться

None

Хотите, чтобы то, что вы выделили, сохранялось на всех ваших устройствах? Зарегистрируйтесь или авторизуйтесь