1
Marcas 5:34
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”
താരതമ്യം
Marcas 5:34 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
2
Marcas 5:25-26
Agus bha boireannach ann air an robh sruth fala dà bhliadhna dheug. Bha i air mòran fhulang fo iomadh lighiche, agus bha i air na bh' aice a chosg, agus cha robh i dad na b' fheàrr, ach dh'fhàs i na bu mhiosa.
Marcas 5:25-26 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
3
Marcas 5:29
Agus sa bhad chaidh a sruth fala a thiormachadh, agus dh'aithnich i na corp fhèin gun deach a leigheas on tinneas aice.
Marcas 5:29 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
4
Marcas 5:41
A' gabhail grèim air an leanabh air làimh, thuirt e rithe, “Talitha cùm,” a tha a' ciallachadh, “A chaileag, tha mise ag ràdh riut, èirich.”
Marcas 5:41 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
5
Marcas 5:35-36
Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig feadhainn o thaigh riaghladair an t‑sionagoig a thuirt, “Tha do nighean air bàsachadh; carson a chuireadh tu dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh?” Ach a' cluinntinn na thubhairt iad, thuirt Ìosa ri riaghladair an t‑sionagoig, “Na bi fo eagal; dìreach creid.”
Marcas 5:35-36 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
6
Marcas 5:8-9
Oir bha e ag ràdh ris, “Thig a‑mach às an duine, a spioraid neòghlain!” Agus bha Ìosa a' faighneachd dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?” Fhreagair esan, “Is e Lègion an t‑ainm a th' orm, oir tha mòran againn ann.”
Marcas 5:8-9 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
ആദ്യത്തെ സ്ക്രീൻ
വേദപുസ്തകം
പദ്ധതികൾ
വീഡിയോകൾ