1
Marcas 4:39-40
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Agus dhùisg esan, agus chronaich e a' ghaoth agus thuirt e ris a' mhuir, “Sàmhach! Bi nad thost!” Agus stad a' ghaoth, agus bha ciùine mhòr ann. Thuirt e riutha, “Carson a tha an t‑eagal oirbh? Nach eil creideamh fhathast agaibh?”
താരതമ്യം
Marcas 4:39-40 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
2
Marcas 4:41
Agus chaidh an lìonadh le eagal mòr agus thuirt iad ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, agus gu bheil fiù 's a' ghaoth 's a' mhuir umhail dha?”
Marcas 4:41 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
3
Marcas 4:38
Ach bha esan san deireadh, na chadal air a' chluasaig. Dhùisg iad e, agus thuirt iad, “Fhir‑Teagaisg, nach eil dragh idir agad gu bheil sinn gu bhith caillte?”
Marcas 4:38 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
4
Marcas 4:24
Agus thuirt e riutha, “Thoiribh an aire dha na chluinneas sibh. Leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuib' fhèin, agus thèid tuilleadh a chur ribhse.
Marcas 4:24 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
5
Marcas 4:26-27
Thuirt e cuideachd, “Tha rìoghachd Dhè mar gun sgaoileadh duine sìol air an talamh. Caidlidh is èiridh e a dh'oidhche 's a latha, agus bòrcaidh is fàsaidh an sìol air dhòigh 's nach aithne dha.
Marcas 4:26-27 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
6
Marcas 4:23
Ma tha cluasan airson èisteachd aig neach sam bith, èisteadh e.”
Marcas 4:23 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
ആദ്യത്തെ സ്ക്രീൻ
വേദപുസ്തകം
പദ്ധതികൾ
വീഡിയോകൾ