Logo de YouVersion
Ícono Búsqueda

Gnàth‐fhacal 31

31
1 Comhairle Lemueil mu thimcheall dibhe làidir. 8 Is còir cùis an truaghain agus an fheumaich a thagradh. 10 Deagh luach mnatha subhailcich.
1Briathran rìgh Lemueil, an fhàidheadaireachd a theagaisg a mhàthair#2 Tim 1:5; 3:15 dha.
2Ciod, a mhic? Agus ciod, a mhic mo bhronn? Agus ciod, a mhic mo bhòidean?
3Na tabhair do neart do mhnathan; no do shlighean don nì a mhilleas rìghrean#Hos 4:11.
4Chan eil e airson rìghrean, a Lemueil, chan eil e airson rìghrean fìon òl, no airson uachdarain dèidh a bhith aca air dibh làidir:
5Air eagal gun òl iad#Hab 2:5, agus gun dìochuimhnich iad an lagh, agus gun claon iad breitheanas do aon sam bith de chloinn an àmhghair.
6Thugaibh deoch làidir dhàsan a tha ullamh gu bàsachadh, agus fìon dhaibhsan a tha ann an searbhas anama.
7Oladh e, agus dìochuimhnicheadh e a bhochdainn, agus na cuimhnicheadh e a thruaighe nas mò.
8Fosgail do bheul airson an duine bhailbh, ann an cùis nan uile a tha air an òrdachadh a‑chum sgrios.
9Fosgail do bheul, thoir breith le ceartas, tagair cùis an truaghain agus an fheumaich#Iob 29:15, 16; Isa 1:17; Ier 22:16.
10Cò a gheibh#Ecl 7:28 bean shubhailceach#Gnà 12:4? Oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal.
11Earbaidh cridhe a fir aisde, agus cha bhi feum aige air creich.
12Iocaidh i math dha, agus chan e olc, rè uile làithean a beatha.
13Iarraidh i olann agus lìon, agus obraichidh i gu toileach le a làmhan.
14Tha i mar longan nan ceannaichean, bheir i a biadh o thìr chèin.
15Eiridh i mar an ceudna nuair as i an oidhche a tha fhathast ann, agus bheir i lòn da teaghlach, agus cuibhreann da maighdeannan.
16Measaidh i achadh, agus ceannaichidh i e: le toradh a làmh suidhichidh i fìonlios.
17Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh i a gàirdeanan.
18Mothaichidh i gu bheil a ceannachd math: cha tèid a coinneal as anns an oidhche.
19Cuiridh i a làmhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a làmh greim den chuigeil.
20Fosglaidh i a glac don truaghan#Salm 41:1; Eabh 13:16, agus sìnidh i a làmhan don fheumach.
21Chan eil eagal oirre ron t‑sneachd airson a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile aodaichte le sgàrlaid#31:21 le eudach dhùbailte..
22Nì i dhi fhèin trusganan de obair ghrèis; de shìoda agus de chorcar tha a h‑aodach.
23Aithnichear anns na geatachan a fear, nuair a shuidheas e maille ri seanairean na tìre.
24Nì i lìon‐aodach grinn, agus reicidh i e, agus bheir i criosan don cheannaiche.
25Neart agus urram is aodach dhi; agus nì i gàirdeachas anns an àm ri teachd.
26Fosglaidh i a beul le gliocas#1 Pead 3:1‐6, agus tha lagh a’ choibhneis air a teangaidh.
27Bheir i an aire do shlighean a teaghlaich, agus chan ith i aran an dìomhanais.
28Eiridh a clann, agus beannaichidh iad i; a fear, agus molaidh e i.
29Rinn mòran nighean gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile.
30Is mealltach deagh‐ghean, agus is dìomhain sgèimh; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar#Ecl 7:18; 12:13.
31Thugaibh dhi de thoradh a làmh#Mat 7:16‐20, agus moladh a h‑obraichean fhèin anns na geatachan i.

Actualmente seleccionado:

Gnàth‐fhacal 31: ABIG

Destacar

Copiar

Comparar

Compartir

None

¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión