Gnàth‐fhacal 30
30
1 Aideachadh Aguir mhic Iaceh. 7 Na ùrnaigh dh’iarr e dà nì o Dhia. 11 Na ceithir ginealaichean aingidh; 15 agus na ceithir nithean nach sàsaichear. 18 Ceithir nithean do‑thuigsinn; 24 agus ceithir nithean beaga a tha ro ghlic.
1Briathran Aguir mhic Iaceh, eadhon an fhàidheadaireachd: labhair an duine ri Itiel, eadhon ri Itiel agus ri Ucal.
2Gu deimhinn tha mi nas amaidiche#30:2 brùideile. na duine air bith#Salm 73:22, agus chan eil tuigse duine agam.
3Agus cha d’fhòghlaim mi gliocas, cha mhò a tha eòlas agam air nithean naomha.
4Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?
5Tha uile fhacal Dhè fìorghlan: is sgiath e dhaibhsan a chuireas an dòigh ann#Salm 84:11.
6Na cuir‐sa nì air bith ra bhriathran#Tais 22:18, 19 air eagal gun cronaich e thu, agus gum faighear breugach thu.
7Dà nì dh’iarr mi ort; na diùlt iad dhomh mum faigh mi bàs.
8Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon.
9Air eagal gum bi mi làn#Deut 32:15; Neh 9:25, 26, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.
10Na dèan casaid air seirbhiseach ra mhaighistir, air eagal gum mallaich e thu, agus gum faighear ciontach thu.
11Tha ginealach ann a mhallaicheas an athair, agus nach beannaich am màthair.
12Tha ginealach ann a tha glan nan sùilean fhèin, gidheadh nach eil air an nighe on salchar#Lùc 18:11, etc..
13Tha ginealach ann aig a bheil an sùilean àrd, agus fabhraidhean an sùl air an togail suas.
14Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan‐cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh#Amos 8:4; Hab 3:14, agus nam feumach o mheasg dhaoine.
15Aig an deal‐each tha dithis nigheanan, ag èigheach, Tabhair, tabhair. Tha trì nithean ann nach sàsaichear, seadh, ceithir nithean nach abair, Is leòr e:
16An uaigh#Hab 2:5, agus a’ bhrù neo‐thorrach, an talamh nach sàsaichear le uisge, agus an teine nach abair, Is leòr e.
17An t‑sùil a nì magadh air a athair#Gnà 20:20; Gen 9:22, 25; Lebh 20:9, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.
18Tha trì nithean ann as iongantach leam, seadh, ceithir nithean nach aithne dhomh:
19Slighe iolaire anns na speuran, slighe nathrach air carraig, slighe luinge ann am meadhon na fairge, agus slighe fir le òigh.
20Mar seo tha slighe ban‐adhaltranaich: ithidh i, agus glanaidh i a beul, agus their i, Cha do rinn mi olc air bith#Gnà 7:14.
21Airson trì nithean ghluaiseadh an talamh, agus airson ceithir nach urrainn e a ghiùlan:
22Airson seirbhisich nuair a riaghlas e#2 Rìgh 8:12, agus airson amadain nuair a bhios e làn de bhiadh.
23Airson mnà fhuathaich nuair a phòsar i, agus airson banoglaich nuair a bhios i na h‑oighre air a ban‐mhaighistir.
24Tha ceithir nithean beaga air an talamh, ach tha iad ro‑ghlic:
25Tha na seangain#Gnà 6:6, 7 nan sluagh nach eil làidir, gidheadh ullaichidh iad am biadh anns an t‑samhradh;
26Tha na coineanan nam muinntir nach eil neartmhor#Salm 104:18, gidheadh togaidh iad an taighean anns na creagan.
27Chan eil rìgh aig na lòcaist, gidheadh imichidh iad a‑mach uile nam buidhnean.
28Gabhaidh an damhan‐allaidh greim le a làmhan, agus bidh e ann an lùchairtean nan rìghrean.
29Tha trì nithean a dh’imicheas gu math, seadh, ceithir, a tha tlachdmhor nan siubhal:
30An leòmhann as treasa am measg bheathaichean, agus nach till air ais o aon air bith;
31Mial‐chù, boc‐goibhre mar an ceudna, agus rìgh an aghaidh nach faodar èirigh.
32Ma rinn thu gu h‑amaideach le thu fhèin a thogail suas, no ma smaoinich thu olc, cuir do làmh air do bheul#Iob 40:4; Ròm 3:19.
33Gu deimhinn bheir luasgadh bainne ìm a‑mach, agus bheir fàsgadh na sròine fuil a‑mach: mar sin bheir dùsgadh corraich aimhreit a‑mach.
Actualmente seleccionado:
Gnàth‐fhacal 30: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017