Eclesiastes 1
1
1 Tha an Searmonaiche a’ nochdadh gur dìomhanas gach ni air thalamh. 9 Chan eil nì air bith nuadh fon ghrèin nach robh ann cheana anns an aimsir a chaidh seachad.
1Briathran an t‑Searmonaiche#Daniel 12:8‐10, mac Dhaibhidh, rìgh ann an Ierusalem.
2Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean#Salm 39:5, 6; 144:4; Marc 8:36, 37.
3Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin?
4Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth.
5Eiridh mar an ceudna a’ ghrian#Salm 19:5, 6, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h‑àite fhèin as an d’èirich i.
6Thèid a’ ghaoth a làimh na h‑àird a deas#Eòin 3:8, agus thèid i mun cuairt don àird a tuath; thèid i mun cuairt agus mun cuairt a‑ghnàth, agus ath‐thillidh a’ ghaoth air a cuairtean fhèin.
7Ruithidh na h‑aibhnichean uile a‑chum na mara#Salm 104:8, 9, gidheadh chan eil a’ mhuir làn: a‑chum an àite as an tàinig na h‑aibhnichean, thuige sin tillidh iad a‑rìs.
8Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn#Gnà 27:20, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn.
9An nì a bha ann, is e an nì sin fhèin a bhitheas ann; agus an nì sin a rinneadh, is e an nì sin fhèin a nìthear; agus chan eil nì sam bith nuadh fon ghrèin#Daniel 7:10.
10A bheil nì ann mum faodar a ràdh, Feuch, tha e seo nuadh? Bha e ann cheana anns an t‑seann aimsir a bha ann romhainn.
11Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh.
12Bha mise an Searmonaiche am rìgh air Israel ann an Ierusalem#1 Rìgh 4:1, etc..
13Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine#Gen 3:19, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe.
14Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.
15An nì a tha cam, cha ghabh e dèanamh dìreach#Daniel 7:13; agus an nì a tha a dh’easbhaidh, cha ghabh e #1:15 leasachadh.àireamh#Iob 11:6.
16Labhair mi rim chridhe fhèin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr, agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem#1 Rìgh 4:29‐31; 10:23, 24, agus chunnaic#1:16 dh’fhiosraich. mo chridhe mòran gliocais agus eòlais.
17Agus thug mi mo chridhe#Daniel 7:23, 25; 1 Tes 5:21 a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.
18Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis#Daniel 12:12; agus an tì a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn.
Actualmente seleccionado:
Eclesiastes 1: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017