Eclesiastes 5
5
1 Earail gu giùlan iomchaidh ann an teampall Dhè. 9 Cha sàsaich airgead agus pailteas an neach a ghràdhaicheas iad. 18 Is e tiodhlac Dhè do mhac an duine gàirdeachas a dhèanamh na uile shaothair, agus a shaoibhreas a mhealtainn.
1Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè#Daniel 5:8; Ier 5:1, 2, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt#1 Sam 15:22; Gnà 21:27; Hos 6:6; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.
2Na bi bras led bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu nì a labhairt an làthair Dhè: oir tha Dia air nèamh, agus thusa air thalamh: uime sin biodh do bhriathran tearc#Gnà 10:19; Mat 6:7.
3Oir thig aisling le iomadalachd ghnothaichean, agus aithnichear guth amadain le iomadalachd bhriathar.
4Nuair a bhòidicheas tu bòid do Dhia#Àir 30:2; Deut 23:21‐23; Salm 66:13, 14, na cuir dàil na dìoladh; oir chan eil tlachd aige ann an amadain#Eabh 10:38: an nì a bhòidicheas tu, dìol e.
5Is fheàrr gun thu a bhòideachadh#Gnà 20:25; Gnìo 5:4, na gum bòidicheadh tu, agus nach dìoladh tu.
6Na leig led bheul a thoirt air d’fheòil peacachadh; agus na abair an làthair an aingil gum bu mhearachd e#1 Cor 11:10; Eabh 1:14; cuim am biodh fearg air Dia airson do ghutha‑sa, agus an sgriosadh e obair do làmh?
7Oir mar ann an iomadalachd nan aisling a bhios dìomhanais, is amhail a bhios iad ann an iomadalachd nam briathar: ach biodh eagal Dhè ortsa#Daniel 12:13.
8Ma chì thu fòirneart an duine bhochd#Daniel 3:16, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr‐roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire#Salm 12:5; 58:11, agus tha iad ann as àirde na iadsan#Salm 95:3.
9A‑nis tha tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaraichear an rìgh fhèin as an fhearann.
10An tì a ghràdhaicheas airgead, cha sàsaichear e le airgead#Mat 6:19, 24; no an tì a ghràdhaicheas pailteas, le toradh#5:10 cinneas.: is dìomhanas seo mar an ceudna.
11Nuair a mheudaichear nithean matha, meudaichear iad a dh’itheas iad; agus ciod an tairbhe a tha annta dan sealbhadairean ach am faicinn len sùilean?
12Tha cadal obraiche milis, co‑dhiù a dh’itheas e beagan no mòran: ach chan fhuiling sàsachd an t‑saoibhir dha cadal.
13Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fon ghrèin, saoibhreas air a ghleidheadh da shealbhadair a‑chum an aimhleis#1 Tim 6:9; Seum 5:1, 2.
14Ach thèid as don t‑saoibhreas sin le droch shaothair: agus ginidh e mac, agus cha bhi nì air bith na làimh.
15Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath‐thillidh e#Iob 1:21; Salm 49:17, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.
16Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith#Gnà 11:29; Hos 8:7?
17Mar an ceudna rè a làithean uile ithidh e ann an dorchadas, agus bidh mòran doilgheis agus feirge aige na thinneas#Gnà 1:27‐29.
18Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha#1 Tim 6:17; oir is e sin a chuibhreann.
19Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.
20Oir cha mhòr a chuimhnicheas e làithean a bheatha; a chionn gum freagair#5:20 gun ìslich. Dia e ann an aoibhneas a chridhe.
Actualmente seleccionado:
Eclesiastes 5: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017