Eclesiastes 4
4
1 Tha dìomhanas air a mheudachadh le fòirneart, 4 agus le farmad. 7 Amaideachd agus dìomhanas sannta. 13 Is feàrr duine bochd na rìgh amaideach.
1An sin thionndaidh mi, agus dh’amhairc mi air gach uile fhòirneart a nìthear fon ghrèin, agus, feuch, deòir na dream a bha fo fhòirneart, agus gun aon fhear‐comhfhurtachd aca! Agus air taobh an luchd‐fòirneart bha neart, ach cha robh fear‐comhfhurtachd acasan.
2Uime sin mhol mi na mairbh a dh’eug cheana nas mò na na beòthan a tha beò fhathast.
3Ach is fheàrr na iad le chèile an tì nach robh ann fhathast#Daniel 6:3; Iob 3:11, etc., nach faca an droch obair a nìthear fon ghrèin.
4A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i#Gen 37:4‐11. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
5Fillidh an t‑amadan a làmhan#Gnà 6:10 ri chèile, agus ithidh e a fheòil fhèin.
6Is fheàrr làn dùirn le suaimhneas#Gnà 15:16, 17, na an dà làimh làn le saothair agus buaireadh spioraid.
7An sin thionndaidh mi, agus chunnaic mi dìomhanas fon ghrèin.
8Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas#Gnà 27:20; 1 Eòin 2:16; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh#Salm 39:6, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.
9Is fheàrr dithis na aon duine, a chionn gu bheil deagh dhuais aca airson an saothrach.
10Oir ma thuiteas duine dhiubh togaidh an duine eile suas a chompanach: ach mo thruaighe esan a tha na aonar nuair a thuiteas e; oir chan eil neach eile aige ga thogail suas.
11Mar an ceudna ma laigheas dithis cuideachd, bidh iad blàth: ach cionnas a bhios aon blàth leis fhèin?
12Agus ma bhuadhaicheas aon air, seasaidh dithis na aghaidh; agus cha bhrisear còrd thrì dual gu h‑obann.
13Is fheàrr leanabh bochd agus glic na rìgh sean agus amaideach, nach gabh comhairle nas mò.
14Oir à prìosan thig e a rìoghachadh; an tì mar an ceudna a rugadh na rìoghachd, fàsaidh e bochd.
15Thug mi an aire do na h‑uile bheòthan a shiùbhlas fon ghrèin, maille ris an dara leanabh a sheasas suas na àite.
16Chan eil crìoch air an t‑sluagh uile, orrasan uile a bha romhpa: cha dèan iadsan mar an ceudna a thig nan dèidh gàirdeachas ann. Gu cinnteach is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
Actualmente seleccionado:
Eclesiastes 4: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017