Logo de YouVersion
Ícono Búsqueda

Eclesiastes 6

6
1 Dìomhanas beartais agus saoibhreis don duine do nach eil Dia a’ tabhairt comais am mealtainn. 7 Cha sàsaichear miann an duine air thalamh. 10 Chan aithne do neach ciod a bhitheas na dhèidh fon ghrèin.
1Tha olc ann a chunnaic mi fon ghrèin, agus tha e coitcheann am measg dhaoine;
2Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e#Iob 21:10, etc.; Salm 73:7, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth#Lùc 12:20, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e.
3Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige#2 Rìgh 9:35‐37; Isa 14:19, 20; Ier 22:19, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e.
4Oir ann an dìomhanas thig e, agus ann an dorchadas thèid e, agus le dorchadas còmhdaichear a ainm.
5Mar an ceudna chan fhaca e a’ ghrian#Salm 58:8, agus cha b’aithne dha nì air bith: tha tuilleadh foise aigesan na aig an fhear eile.
6Seadh, ged bhiodh e beò mìle bliadhna dà uair, gidheadh chan fhaic e math: nach imich iad uile do aon àite?
7Tha uile shaothair an duine airson a bheòil#Gnà 16:26, agus gidheadh chan eil a mhiann sàsaichte.
8Oir ciod tuilleadh a tha aig an duine ghlic na aig an amadan? Ciod a tha aig a’ bhochd, don aithne siubhal an làthair nam beò?
9Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid.
10An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris‐san as treasa na e fhèin#Iob 40:2; Isa 45:9.
11O tha mòran de nithean ann a mheudaicheas dìomhanas#Salm 73:6, ciod as fheàirrde an duine sin?
12Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil#Salm 102:11; Seum 4:14? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin?

Actualmente seleccionado:

Eclesiastes 6: ABIG

Destacar

Copiar

Comparar

Compartir

None

¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión

Video de Eclesiastes 6