Eclesiastes 2
2
1 Mhothaich an Searmonaiche nach robh ann an subhachas ach dìomhanas. 13 Tha gliocas fada os cionn amaideachd. 18 Tha gach saothair fon ghrèin dìomhain. 24 Chan eil nì as fheàrr na gun tugadh duine air anam fhèin maith a mhealtainn.
1Thubhairt mi am chridhe#Lùc 12:19, 20, Teann#2:1 thig. a‑nis, dearbhaidh mi thu le subhachas#Daniel 8:15; uime sin meal math: ach, feuch, is dìomhanas seo mar an ceudna.
2Mu ghàire thubhairt mi, Is cuthach e#Gnà 14:13; agus mu shùgradh, Ciod a nì e?
3Dh’iarr mi ann am chridhe mi fhèin a thabhairt do fhìon#Gnà 20:1 (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas), agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am math sin do chloinn nan daoine, a bu chòir dhaibh a dhèanamh fo nèamh air feadh uile làithean am beatha.
4Rinn mi obraichean mòra dhomh fhèin: thog mi dhomh fhèin taighean; shuidhich mi dhomh fhèin fìonliosan:
5Rinn mi dhomh fhèin gàrraidhean agus liosan chrann‐meas, agus shuidhich mi annta craobhan de gach gnè thoraidh;
6Rinn mi dhomh fhèin lochain uisge, a dh’uisgeachadh leo na coille anns am fàs craobhan:
7Fhuair mi òglaich agus banoglaich, agus rugadh seirbhisich am thaigh: bha mar an ceudna sealbh mòr bhuar agus threud agam, os cionn nan uile a bha romham ann an Ierusalem:
8Chàrn mi suas mar an ceudna dhomh fhèin airgead agus òr#1 Rìgh 9:28; 10:10, etc., agus ionmhas sònraichte nan rìgh agus nam mòr‐roinn; fhuair mi dhomh fhèin fir‐chiùil agus mnathan‐ciùil, agus aoibhneasan clann nan daoine, mar a tha innealan‐ciùil, agus sin de gach gnè#2 Each 9:11.
9Mar sin bha mi mòr, agus dh’fhàs mi nas mò na gach duine a bha romham ann an Ierusalem: os bàrr, dh’fhan mo ghliocas agam.
10Agus gach nì a mhiannaich mo shùilean cha do chùm mi uapa; cha do bhac mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e seo mo chuibhreann dem uile shaothair#Daniel 3:22.
11An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan#1 Eòin 2:16, 17, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid#Daniel 11:8, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin#1 Tim 6:6.
12Agus sheall mi air m’ais a dh’fhaicinn gliocais, agus cuthaich#Daniel 7:25, agus amaideachd: oir ciod a dh’fhaodas an duine a dhèanamh a thig an dèidh an rìgh? An nì sin fhèin a rinneadh cheana.
13Agus chunnaic mi gu bheil gliocas cho fad os cionn amaideachd#Daniel 7:12; Mal 3:18; 4:1, 2 is a tha solas os cionn dorchadais.
14Tha sùilean an duine ghlic na cheann#Gnà 17:24; ach imichidh an t‑amadan ann an dorchadas: gidheadh dh’aithnich mi mar an ceudna gun tachradh an t‑aon nì dhaibh uile#Salm 49:10.
15An sin thubhairt mi am chridhe, Mar a thachras don amadan, mar sin tachraidh dhòmhsa fhèin; agus carson uime sin a bha mise na bu ghlice na esan? An sin thubhairt mi am chridhe gur dìomhanas seo mar an ceudna.
16Oir cha bhi cuimhne air an duine ghlic nas mò na air an amadan gu bràth#Ecs 1:6, 8; o dhìochuimhnichear na nithean a tha a‑nis ann uile anns na làithean a tha ri teachd: agus cionnas a dh’eugas an duine glic#Eabh 9:27? Mar an t‑amadan.
17Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’obraichear fon ghrèin: oir is dìomhanas na h‑uile nithean agus buaireadh spioraid.
18Seadh, dh’fhuathaich mi mo shaothair uile a shaothraich mi fon ghrèin, a chionn gum fàg mi i don fhear a bhios am dhèidh.
19Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi#1 Rìgh 12:8, etc., agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna.
20Air an adhbhar sin thionndaidh mi a thoirt air mo chridhe dol an eu‑dòchas mun uile shaothair a shaothraich mi fon ghrèin.
21Oir tha duine ann aig a bheil a shaothair ann an gliocas, agus an eòlas, agus an ceartas; gidheadh do dhuine nach do shaothraich ann bheir e e mar a chuibhreann. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus olc mòr.
22Oir ciod a tha aig duine de a uile shaothair#Mat 16:26, agus de bhuaireadh a chridhe, anns an do shaothraich e fon ghrèin?
23Oir is doilgheasan a làithean uile#Iob 5:7; 14:1, agus is do‑bhròn a shaothair: eadhon anns an oidhche cha ghabh a chridhe fois#Daniel 8:16; Salm 127:2. Is dìomhanas seo mar an ceudna. Seo mar an ceudna chunnaic mi, gur ann o làimh Dhè a tha e.
24Chan eil nì ann as fheàrr do dhuine na gun itheadh agus gun òladh e, agus gun tugadh e air a anam math a mhealtainn na shaothair.
25Oir cò as urrainn ithe, no cò eile a luathaicheas thuige nas mò na mise?
26Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè#Iob 27:16, 17; Gnà 13:22; 28:8. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
Actualmente seleccionado:
Eclesiastes 2: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017