YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 85

85
1Bha thusa gràsmhor fàbharach,
a Dhè, dod dhùthaich fhèin;
Bruid Iàcoib thug thu air a h-ais
a-rìs led ghàirdean treun.
2Cionta do phobaill mhaith thu fhèin;
dh’fhalaich thu ’n uile lochd.
3Choisg thu do chorraich uile, ’s thill
on lasan a bha ort.
4Till sinn a-rìs, a Dhia ar slàint’,
is tog do lasan dhinn.
5Am bi do chorraich rinn gu bràth,
’s an sìnear d’fhearg gach linn?
6Nach dèanar leatsa, Dhia nan gràs,
a-rìs ar tabhairt beò,
Gun dèanadh annad gàirdeachas
do phoball fhèin gach lò?
7Taisbein do thròcair dhuinn a-nis,
a Thighearn is a Dhè:
Is deònaich dhuinne d’fhurtachd fòs,
’s do shlàinte fhèin gach rè.
8Nis èisdeam ris an nì their Dia:
labhraidh e sìth gu beachd
Ra phoball naomh; ’s na tilleadh iad
a-rìs chum amaideachd.
9Gu dearbh tha chobhair dlùth don dream
don eagal e gu fìor;
Chum glòir a bhith na còmhnaidh fòs,
gu bunaiteach nar tìr.
10Tha tròcair agus fìrinn ghlan
air còmhlachadh a chèil’:
Tha ceartas agus sìochaint mhath
a’ pògadh beul ri beul.
11Is fàsaidh as an talamh fòs
fìrinn a-nìos gu pailt:
Is seallaidh ceart is fìreantachd
o nèamh a-nuas gun airc.
12Is amhlaidh bheir Iehòbhah dhuinn
nì math gu toirbheartach;
Is bheir ar fearann is ar fonn
deagh thoradh trom a-mach.
13Sìor ghluaisidh ceart is fìreantachd
na fhianais-san gu rèidh:
Is sinn air sligh’ a cheumannan
gu dìreach stiùraidh e.

Currently Selected:

Sailm 85: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy