YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 73

73
1Gu fìrinneach tha Dia ro-mhath
do phoball Israèil;
Don dream ga bheil an cridhe glan,
tha Dia dhaibh math da rèir.
2Ach air mo shon-sa, ’s beag nach d’aom
mo chasan uam gu grad:
Cha mhòr nach d’rinn mo cheuman fòs
sleamhnachadh uam air fad.
3Ri amadanaibh ghabh mi tnù,
ri faicinn soirbheas daoi.
4Oir cuibhrichean chan eil nam bàs;
neart làidir ’s leo gun dìth.
5Mar dhaoinibh eile chan eil iad
fo thrioblaid no fo leòn:
’S chan eil iad air an sàrachadh
mar chàch le piantaibh mòr’.
6Ardan mar shlabhraidh, uime sin,
gan cuartachadh a ta;
Am fòirneart fhèin gan còmhdachadh
mar aodach thart’ a-ghnàth.
7An sùilean sultmhor tha le saill:
an tòic chaidh thar am miann.
8Is truaillidh iad, ’s air fòirneart geur
labhraidh gu h-aingidh, dian.
9An aghaidh fòs nan nèamh ’s nan speur
am beul do thog iad suas;
Air feadh na talmhainn is na tìr
an teanga-san do ghluais.
10Fan adhbhar ud gu ruige seo,
a shluagh-san tillidh iad;
Is fàisgear dhaibh den uisge mach,
làn cupain as leòr meud.
11Is their iad, Ciamar ’s lèir do Dhia?
Bheil tuigs’ san Tì as àird’?
12Feuch, siud na daoi, tha soirbheachadh,
a’ fàs nan stòr gach là.
13Mo chridh’ gu dearbh ghlan mi gun stàth,
’s an neoichiont nigh mo làmh;
14Oir buailt’ is smachdaichte tha mi
gach madainn, ’s feadh gach là.
15Nan abrainn, Labhraidh mi mar seo,
feuch, pheacaichinn gu beachd,
An aghaidh sliochd is ginealaich
na cloinne ’s ionmhainn leat.
16Tràth smaoinich mi gun tuiginn seo,
bu chruaidh-cheist orm an gnìomh.
17Ach chaidh mi steach do naomh-thaigh Dhè,
is thuig mi ’n sin an crìoch.
18Gu deimhinn chuir thu iad air fad
an àitibh sleamhainn lom:
Is thilg thu iad a sìos gan sgrios
le dìoghaltas gu trom.
19Feuch, cionnas thàinig orra claoidh,
am mionaid bhig na h-uair’?
Oir tha iad air an sgrios gu tur
le oillt is eagal mòr.
20Mar aisling nuair a dhùisgeas neach,
mar sin, a Dhia nan sluagh,
Nì thusa dìmeas air an dealbh,
air mosgladh dhut à suain.
21Mar seo bha air mo chridhe cràdh,
’s am àirnibh goimh ro-gheur;
22Oir bha mi baoth is aineolach,
mar bhrùid ad làth’r, a Dhè.
23Gidheadh, tha mise maille riut,
O Thighearna, a-ghnàth:
Is air mo dheaslàimh ghlac thu mi,
gam chumail suas gach là.
24Do nìthear leat mo stiùradh fòs
led chomhairle am fheum,
Is gabhaidh tu mi steach fa-dheòidh
ad àros glòrmhor fhèin.
25Cò th’agam anns na nèamhaibh shuas
ach thusa, Dhia nan dùl?
Is chan eil neach air thalamh fòs
ach thus’ am bheil mo dhùil.
26Mo chridh’ is m’fheòil faraon a ta
air fàilneachadh gun cheist:
Gidheadh ’s e neart mo chridhe Dia,
’s mo chuibhreann bhuan am feasd.
27Oir feuch iad sin tha fada uat,
lèir-sgriosar iad gu luath:
Oir gheàrr thu as gach uile neach
air strìopachas chaidh uat.
28Ach dhòmhsa ’s math teachd dlùth do Dhia;
dh’earb mi à Dia mo neart,
A-chum gum foillsichinn gu sìor
gach gnìomh a rinneadh leat.

Currently Selected:

Sailm 73: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy