YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 69

69
1O teasairg mise, Dhè mo neart,
oir dhòirt na tuiltean orm
Is thàinig fòs air m’anam bochd
na h-uisgeachan le toirm.
2An làthaich dhomhain tha mi ’n sàs,
gun àit an seasainn ann;
Le uisgibh domhain ghlacadh mi,
is sruth dol thar mo cheann.
3Tàim sgìth lem ghlaodhaich; agus tha
mo sgòrnan loisgt’ le tart:
Mo shùilean tha air fàilneachadh,
feitheamh air Dia nam feart.
4Is lìonmhoire na falt mo chinn
mo naimhdean gun chion-fàth,
’S an dream ud fòs lem b’àill mo chlaoidh
ro-ghuineach làidir tha.
An sin an nì nach tug mi leam,
dh’aisig mi uam gu beachd.
5Dhia, ’s fiosrach thu air m’amaideachd,
chan fhalaicht’ ort mo lochd.
6Nàir’ air mo sgàth-sa, Dhè, na leig,
O Thighearna nan sluagh,
Air neach air bith den aitim ud
tha feitheamh ort gach uair:
An dream sin, O Dhia Israeil,
gad iarraidh fhèin a tha,
Na leig gu bràth fo nàire iad,
no masladh air mo sgàth.
7Oir masladh dh’fhuiling air do sgàth;
lìonadh mo ghnùis le nàir’.
8Dom bhràthraibh is fear coigreach mi,
coimheach aig cloinn mo mhàth’r.
9Le eud do theach-sa shluigeadh mi;
meud ’s a bheir masladh dhut,
’S ann orms’ an toibheum siud gu lèir
gu leth-tromach a thuit.
10M’anam tràth thraisg, ’s a rinn mi gul,
’n sin mhaslaich iad mo ghnìomh.
11’S nuair chuir mi umam aodach saic,
ball-magaidh rinn iad dhìom.
12Dhaibhsan a shuidheas anns a’ gheat’,
’s cùis chòmhraidh mi gach là:
’S do luchd na misg’ ri àm am pòit’,
am òran tha mi ghnàth.
13Ach mise, Dhè, nì ùrnaigh riut,
san uair as taitneach leat:
Eisd rium, a Dhè, rèir meud do ghràis,
led chobhair fhìor thoir neart.
14On làthaich saor mi, O mo Dhia!
chum foidh’ nach rachainn sìos:
O luchd mo mhìoruin teasairg mi,
’s o dhoimhneachd uisge nìos.
15Na rachadh tharam tuilteach uisg’,
na sluigeadh doimhneachd mi,
An sloc na druideadh orm a bheul
gu h-iomlan chum mo chlaoidh.
16Eisd rium, O Dhia, oir ’s math do ghràs:
till rium ad thròcair phailt.
17Do ghnùis na ceil air d’òglach fhèin,
èisd rium gu luath, ’s mi ’n airc.
18Rim anam druid, is fuasgail e:
om nàmhaid dèan mo dhìon.
19Mo mhasladh, m’eas-urram, ’s mo nàir’,
’s mo naimhdean, ’s lèir dhut fhèin.
20Le toibheum tha mo chridhe brist’,
is mi gu h-iarganach:
Dh’iarr mi luchd truais is comhfhurtachd,
is dhiubh cha d’fhuaras neach.
21Seadh, thug iad domblas dhomh mar bhiadh,
’s am ìotadh thug fìon-geur.
22Mar eangach dhaibh gu robh am bòrd;
’s mar rib’ an àgh gu lèir.
23Gun lèirsinn biodh an sùilean dall,
’s an leasraidh ghnàth air chrith.
24Dòirt orra d’fhearg, ’s led chorraich ghèir
glac iad gach uair sam bith.
25Mar fhàsach lom gun àiteachadh
gu robh an tàmh ’s an teach,
Is anns na pàilleanaibh bu leo
còmhnaidh na gabhadh neach.
26Oir lean iad le dian-fhoireigneadh
an tì a bhuaileadh leat;
Is labhair iad chum doilgheis mhòir,
don dream a rinn thu lot.
27Cuir ciont’ rin aingidheachd, ’s na leig
ad cheartas iad a-steach:
28A leabhar fòs nam beò gu tur
dubhar iad siud a-mach;
Is maille ris na fìreanaibh
a bhuineas dhut gun cheist,
Is ann an àireamh dhaoine còir
na sgrìobhar iad am feasd.
29Ach mise tha gu h-ainnis bochd,
is làn de bhròn faraon:
Togadh do shlàinte mi an àird,
a Dhè, gu gràsmhor caoin.
30Le òran binn sìor mholaidh mi
deagh ainm mo Dhè gach là,
’S a chliù-san fòs sìor thogar leam
le buidheachas gu h-àrd.
31’S fheàrr leis an Tighearn siud gu mòr
na damh tha adhairceach,
No ìobairt fòs a bheireadh neach
de bhiorach crobhanach.
32Na daoine sèimh’ tràth chì iad seo,
bidh aoibhneach ait gu leòr;
Is bidh ur cridh’-se beò gu bràth
tha ’g iarraidh Dhè na glòir’.
33Ri bochdaibh èisdidh Dia, ’s cha dèan
tàir air a phrìosanaich.
34Nèamh, muir, is tìr, gum moladh e,
’s gach nì tha gluasadach.
35Oir bailtean Iùdah togaidh Dia,
is saorar Sion leis,
A-chum gum meal iad i gu buan,
ga h-àiteachadh am feasd.
36Do shliochd a sheirbhiseach gu fìor,
is sealbh ro-dhìleas i;
’S an dream a bheir da ainm-san gràdh,
sìor-chòmhnaidh innte nì.

Currently Selected:

Sailm 69: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy