Sailm Dhaibhidh 107
SD1826
107
SALM CVII.
1O thugaibh moladh mòr do Dhia,
is buidheachas faraon,
Oir tha e math, 's mairidh gu bràth
a thròcair ghràsmhor chaoin.
2Poball Iehòbhah shaoradh leis,
labhradh mar seo gun tàmh,
A' mhuinntir ud a bhuin e saor
a‑mach o làimh an nàmh:
3Is as gach fearann is gach tìr
do chruinnicheadh iad leis,
On àird an ear, 's on àird an iar,
on àird a tuath, is deas.
4San fhàsach iad air seachran chaidh
an ionad-falamh fàs;
Is bail' air bith cha d'fhuaradh leo
gu còmhnaidh ann no tàmh.
5Acrach is ìotmhor bha iad fòs;
chlaoidheadh an anam truagh.
6Ghlaodh iad an sin ri Dia nan teinn,
shaor iad on àmhghar chruaidh.
7Stiùir esan agus threòraich iad
air bealach ceart fon cois,
A‑chum gun rachadh iad fa‑dheòidh
gu baile tàimh is fois'.
8O b'fheàrr gum moladh daoine Dia
airson a mhaitheis chaoin,
'S airson a bheairtean iongantach
rinn e do chloinn nan daoin'!
9Oir nì e 'n t‑anam miannach trom
a shàsachadh gun airc,
'S an t‑anam cìocrach lìonaidh e
le mhaitheas fhèin gu pailt.
10An dream a shuidh an dorchadas,
is ann an dubhar bàis;
Fo chuibhreach ta an àmhghar truagh,
's an iarann cruaidh an sàs;
11Airson gu robh iad ceannairceach
an aghaidh briathran Dhè,
'S air comhairle an Tì as àird'
gun d'rinn iad tàir gu lèir;
12Air sin an cridhe leag e sìos
le saothair is le pèin;
Thuit iad, is aon neach cha robh ann
gan cuideachadh nam feum:
13Ghlaodh iad an sin ri Dia nan airc,
dh'fhuasgail on teinn gu grad.
14On dorcha bhuin, 's o dhubhar bàis,
's an cuibhreach bhris air fad.
15O b'fheàrr gum moladh daoine Dia
airson a mhaitheis chaoin,
'S airson a bheairtean iongantach
rinn e do chloinn nan daoin'!
16Chionn gun do bhriseadh leis le neart
na geatan pràis' gu lèir;
Na stapaill iarainn is na croinn
sgaoil esan as a chèil'.
17Bha amadain len cron 's len lochd,
fo àmhghar goirt an sàs.
18Bha 'n anam gabhail gràin do bhiadh,
's iad dlùth do dhorsaibh bàis.
19Ghlaodh iad an sin ri Dia nam feum,
dh'fhuasgail on teinn gu grad.
20Le fhacal rinn e 'n slànachadh:
is shaor on sgrios air fad.
21O b'fheàrr gum moladh daoine Dia
airson a mhaitheis chaoin,
'S airson a bheairtean iongantach
rinn e do chloinn nan daoin'!
22Thugadh iad ìobairt-bhuidheachais
is cliù do Dhia na glòir';
Aithriseadh iad a ghnìomharan,
le subhachas is ceòl.
23Luchd-loingeis thèid air muir, 's a bhios
ri gnìomh an uisgibh buan;
24Dhaibh siud is lèir mòr-oibrean Dhè,
's a mhìorbhailean sa chuan.
25Air 'iarrtas, dùisgear leis a' ghaoth
gu h‑àrd 's gu doineannach:
Len togar suas gu h‑atmhor borb
a thonnan garbh' fa seach.
26Tha iad ag èirigh suas gu nèamh:
's a‑rìs dol domhain sìos:
Ionnas gun d' leagh an anam truagh
le trioblaid chruaidh 's le sgìos.
27Dol thuig' is uaith', gu tuisleach fòs,
amhlaidh mar dhuin' air mhisg;
Ionnas gun thrèig gu buileach iad
gach gliocas bha nam measg.
28Ghlaodh iad ri Dia nan teinn; is shaor
e iad on trioblaid ghèir.
29Ghrad-chuireadh leis an stoirm gu fèith,
's na tuinn nan tàmh gu lèir;
30An sin tha iad ro‑ait, airson
gu bheil iad sàmhach beò:
'S gun tug e iad don chaladh sin,
's don phort bu mhiannach leo.
31O b'fheàrr gum moladh daoine Dia
airson a mhaitheis chaoin,
'S airson a bheairtean iongantach
rinn e do chloinn nan daoin'!
32Is fòs an coitheanal an t‑sluaigh
àrd-mholar e gu mòr;
'S an cruinneachadh nan seanair' glic'
cliù thugar dha is glòir.
33Aibhnichean nì nam fàsach lom,
tobair nan talamh cruaidh:
34Tìr bheartach nì e fàs, airson
mòr-aingidheachd an t‑sluaigh.
35Am fàsach tioram thionndaidh e
gu uisge tàimh nach gann,
'S gu tobair fìor-uisg' iompaichidh
am fearann tartmhor teann.
36Do dhaoinibh acrach bheir e siud
mar àite fois' is tàimh;
A‑chum gun deasaicht' cathair leo
chum còmhnaidh ann a‑ghnàth.
37Chum craobhan fìon' a shuidheachadh,
is sìol a chur san fhonn,
A bheir a‑mach san aimsir cheirt
cinneas is toradh trom.
38Bheannaich e fòs am poball ud
is dh'fhàs iad lìonmhor mòr;
'S nìor leig e dhaibh dol air an ais
nam feudail no nan stòr.
39Lughdaichear iad gidheadh a‑rìs,
is leigear iad gu bochd,
Le sàrachadh is àmhghar geur,
is doilgheas brònach goirt.
40Air prionnsaibh dòirtear tarcais leis,
san fhàsach mar an ceudn',
Cuiridh e iad air seachran fiar,
gun bhealach ann dan ceum.
41'S o thrioblaid togaidh e am bochd,
's nì teaghlach dha mar threud.
42Siud chì na fìreanan, 's bidh ait,
is druidear beul nam beud.
43Cò iad tha glic, 's a bheir fa‑near
na nithean siud gu ceart?
'S iad sin a thuigeas tròcair chaomh
is maitheas Dhè nam feart.

© Comann Bhìoball na h-Alba 2000, 2016
© Scottish Bible Society 2000, 2016

Learn more about Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)