YouVersion Logo
Search Icon

Marcas 2

2
Ìosa a' Leigheas Fear leis a' Phairilis
1Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh. 2Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh. 3Agus thàinig iad, a' toirt thuige fear air an robh a' phairilis, air a ghiùlain le ceathrar. 4Nuair nach b' urrainn dhaibh faighinn faisg air Ìosa air sgàth an t‑sluaigh, thug iad air falbh mullach an taighe os a chionn, agus às dèidh dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh am fear leis a' phairilis na laighe. 5Nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “A leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”
6A‑nis bha cuid dhe na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, a' reusanachadh nan cridheachan, 7“Carson a tha am fear seo a' bruidhinn mar sin? 'S e toibheum a tha an seo. Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach an t‑Aon – Dia?”
8Agus cho luath 's a bha fios aig Ìosa na spiorad gun robh iadsan a' reusanachadh mar sin annta fhèin, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' reusanachadh nan rudan sin nur cridheachan? 9Dè as fhasa, a ràdh ris an fhear air a bheil a' phairilis, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no a ràdh, ‘Èirich, tog suas do leabaidh agus coisich’? 10Ach airson 's gum faod fios a bhith agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine air thalamh airson peacaidhean a mhathadh”, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, 11“Tha mi ag ràdh riut, èirich, tog suas do leabaidh, agus thalla dhad thaigh.” 12Dh'èirich e agus sa bhad thog e suas a leabaidh agus chaidh e a‑mach mun coinneamh gu lèir. Bha iongnadh mòr orra uile agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Chan fhaca sinne riamh rud sam bith mar seo!”
Ìosa a' Gairm Lèbhi
13Chaidh e a‑mach a‑rithist ri taobh na mara. Bha an sluagh gu lèir a' tighinn thuige, agus bha e gan teagasg. 14Agus a' gabhail seachad, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig bùth na cìse agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e. 15Agus fhad 's a bha e na shuidhe aig bòrd aig a thaigh‑san, bha mòran chìs‑mhaor is pheacach nan suidhe còmhla ri Ìosa agus a dheisciobail, oir bha mòran ann a lean e. 16Nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe còmhla ri peacaich agus ri cìs‑mhaoir, thuirt iad ri dheisciobail, “Carson a tha e ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”
17Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e riutha, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn. Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach.”
Ìosa air a Cheasnachadh mu Thrasgadh
18Bha deisciobail Eòin is nam Pharasach a' trasgadh. Thàinig daoine agus thuirt iad ris, “Carson a tha deisciobail Eòin is nam Pharasach a' trasgadh, 's nach eil do dheisciobail‑sa a' trasgadh?”
19Fhreagair Ìosa, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse trasgadh fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Cho fada 's a tha fear na bainnse aca còmhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh. 20Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh san latha sin.
21“Chan eil neach sam bith a' fuaigheal pìos aodaich neosheargte air seann bhad aodaich. Ma dh'fhuaighleas, tha an tuthag a' draghadh air falbh uaithe – am pìos ùr on t‑seann phìos – agus tha an sracadh air a dhèanamh nas miosa. 22Agus chan eil duine sam bith a' cur fìon ùr ann an seann searragan. Ma chuireas, sracaidh am fìon ùr na searragan, agus tha am fìon agus na searragan air an sgrios, ach tha fìon ùr ga chur ann an searragan ùra.”
Tighearna na Sàbaid
23Aon Shàbaid bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair agus, fhad 's a bha iad a' coiseachd, thòisich a dheisciobail air na diasan arbhair a spìonadh. 24Agus thuirt na Pharasaich ris, “Seall, carson a tha iad a' dèanamh an rud nach eil ceadaichte air Latha na Sàbaid?”
25Thuirt e riutha, “Nach do leugh sibhse riamh mar a rinn Daibhidh nuair a bha e ann an dìth, agus acras air fhèin agus orrasan a bha còmhla ris? 26Mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiàtair an t‑àrd‑shagart, agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach eil laghail do neach sam bith ithe ach dha na sagartan, agus a thug e cuideachd dhan fheadhainn a bha còmhla ris?” 27An uair sin thuirt e riutha, “Chaidh an t‑Sàbaid a dhèanamh airson an duine, 's chan e an duine airson na Sàbaid. 28Mar sin, is e Mac an Duine fiù 's Tighearna na Sàbaid.”

Currently Selected:

Marcas 2: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy