YouVersion Logo
Search Icon

Salm 61

61
Don àrd-fhear-ciùil air Neginot. Salm le Daibhidh.
1Eisd, a Dhè, rim ghlaodh; thoir an aire dom ùrnaigh.
2O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi,
3Oir bha thusa ad thèarmann dhomh, ad thùr làidir an aghaidh an nàmhaid.
4Gabhaidh mi còmhnaidh ann ad phàillean gu bràth; cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah.
5Oir chuala tusa, a Dhè, mo bhòidean; thug thu oighreachd dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme.
6Cuir thusa làithean ri làithean an rìgh; biodh a bhliadhnachan mar linn agus linn.
7Maireadh e gu bràth am fianais Dhè; gleidheadh tròcair agus fìrinn e.
8Mar sin seinnidh mi cliù dod ainm gu bràth, a‑chum gun dìol mi mo bhòidean o là gu là.

Currently Selected:

Salm 61: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in