YouVersion Logo
Search Icon

Salm 119

119
ALEPH
1Is beannaichte iadsan a tha neo-lochdach anns an t‑slighe, a dh’imicheas ann an lagh an Tighearna.
2Is beannaichte iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras e len uile chridhe.
3Mar an ceudna cha dèan iad aingidheachd; na shlighean imichidh iad.
4Dh’àithn thu d’òrdaighean a bhith air an coimhead gu dìcheallach.
5O nach robh mo cheuman air an stiùradh a‑chum do reachdan a choimhead!
6An sin cha ghabh mi nàire, nuair a bheir mi spèis dod àitheantan gu lèir.
7Molaidh mi thu le treibhdhireas cridhe, nuair a dh’fhòghlamas mi breitheanais do cheartais,
8Coimheadaidh mi do reachdan. O na trèig mi gu tur!
BETH
9Ciod leis an glan an t‑òganach a shlighe? Trìd faicill, a rèir d’fhacail.
10Lem uile chridhe dh’iarr mi thu; na leig dhomh dol air seachran o d’àitheantan.
11Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.
12Is beannaichte thusa, a Thighearna; teagaisg dhomh do reachdan.
13Lem bhilean chuir mi an cèill uile bhreitheanais do bheòil.
14Ann an slighe do theisteis rinn mi gàirdeachas, mar os cionn gach uile shaoibhreis.
15Air d’àitheantan beachd-smaoinichidh mi, agus dearcaidh mi air do cheuman.
16Ann ad reachdan gabhaidh mi tlachd; cha dìochuimhnich mi do bhriathran.
GIMEL
17Buin gu fial rid òglach, a‑chum gum bi mi beò, agus gun coimhead mi do bhriathran.
18Fosgail mo shùilean, a‑chum gum faic mi nithean iongantach od lagh.
19Is coigreach air thalamh mi; na ceil orm d’àitheantan.
20Tha m’anam brùite, le dèidh air do bhreitheanais gach tràth.
21Smachdaich thu na h‑uaibhrich; is mallaichte iadsan a thèid air seachran od àitheantan.
22Tionndaidh uam masladh agus tàir, oir ghlèidh mi do theisteis.
23Shuidh eadhon uachdarain, agus labhair iad am aghaidh; ach bheachd-smaoinich d’òglach air do reachdan.
24Mar an ceudna is iad do theisteis mo thlachd, mo chomhairlichean.
DALETH
25Tha m’anam a’ leantainn ris an ùir; beòthaich mi a rèir d’fhacail.
26Chuir mi an cèill do shlighean, agus dh’èisd thu rium; teagaisg dhomh do reachdan.
27Thoir orm slighe d’àitheantan a thuigsinn, agus labhraidh mi air d’obraichean iongantach.
28Tha m’anam a’ leaghadh as le tùrsa; neartaich mi a rèir d’fhacail.
29Cuir uam slighe nam breug, agus gu gràsmhor deònaich dhomh do lagh.
30Roghnaich mi slighe na fìrinn; chuir mi do bhreitheanais fam chomhair.
31Dhlùth-lean mi rid theisteis; a Thighearna, na cuir gu nàire mi.
32Ann an slighe d’àitheantan ruithidh mi, nuair a chuireas tu mo chridhe ann am farsaingeachd.
HE
33Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachdan, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch.
34Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimheadaidh mi e lem uile chridhe.
35Thoir orm triall ann an ceum d’àitheantan, oir annsan tha mo thlachd.
36Lùb mo ghlùin gud theisteis, agus chan ann gu sannt.
37Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighean beòthaich mi.
38Daingnich d’fhacal dod òglach, air a bheil d’eagal-sa.
39Cuir uam mo mhasladh as eagal leam, oir tha do bhreitheanais math.
40Feuch, is miannach leam do reachdan; ad cheartas beòthaich mi.
VAU
41Agus thigeadh do thròcair am ionnsaigh, a Thighearna, do shlàinte a rèir d’fhacail;
42An sin bidh freagradh agam dhàsan a bheir masladh dhomh, gu bheil m’earbsa as d’fhacal-sa.
43Agus na buin facal na fìrinn gu h‑iomlan as mo bheul, oir ann ad bhreitheanais chuir mi mo dhòchas.
44Agus coimheadaidh mi do lagh a‑ghnàth, gu suthainn is gu sìor.
45Agus gluaisidh mi ann am farsaingeachd, a chionn gun iarr mi do reachdan.
46Agus labhraidh mi air do theisteis an làthair rìghrean, agus cha bhi nàire orm.
47Agus gabhaidh mi tlachd ded àitheantan, don tug mi gràdh.
48Agus togaidh mi mo làmhan rid àitheantan, don tug mi gràdh; agus beachd-smaoinichidh mi air do reachdan.
ZAIN
49Cuimhnich am facal dod òglach, as an tug thu orm earbsa.
50Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.
51Rinn na h‑uaibhrich fanaid orm gu mòr; gidheadh od lagh cha do chlaon mi.
52Chuimhnich mi do bhreitheanais o chian, a Thighearna, agus fhuair mi comhfhurtachd.
53Ghlac uamhann mi a‑thaobh nan daoine aingidh, a thrèigeas do lagh.
54B’iad do reachdan mo cheòl ann an taigh mo chuairt.
55Chuimhnich mi d’ainm, a Thighearna, anns an oidhche, agus ghlèidh mi do lagh.
56Mar seo thachair e dhòmhsa, a chionn gun do ghlèidh mi do reachdan.
CHETH
57Is tusa mo chuibhreann, a Thighearna; thubhairt mi gun coimheadainn d’fhacail.
58Dh’aslaich mi do dheagh-ghean lem uile chridhe; dèan tròcair orm a rèir d’fhacail.
59Chnuasaich mi do shlighean, agus thill mi mo chasan rid theisteis.
60Rinn mi deifir, agus cha robh mi màirnealach a‑chum d’àitheantan a choimhead.
61Chreach buidhnean dhroch dhaoine mi, ach cha do dhìochuimhnich mi do lagh.
62Mu mheadhon-oidhche èiridh mi a‑chum buidheachas a thoirt dhut airson breitheanas do cheartais.
63Is fear-comainn mi dhaibhsan uile air am bi d’eagal, agus dhaibhsan a ghleidheas do reachdan.
64Ded thròcair, a Thighearna, tha an talamh làn; teagaisg dhomh do reachdan.
TETH
65Rinn thu gu math rid òglach, a Thighearna, a rèir d’fhacail.
66Teagaisg dhomh deagh thuigse agus eòlas, oir chreid mi d’àitheantan.
67Mun robh mi ann an àmhghar, chaidh mi air seachran; ach a‑nis tha mi a’gleidheadh d’fhacail.
68Is math thusa, agus nì thu math; teagaisg dhomh do reachdan.
69Dhealbh na h‑uaibhrich breug am aghaidh, ach gleidhidh mise d’àitheantan lem uile chridhe.
70Cho reamhar ri saill tha an cridhe-san; ach ann ad lagh tha mo thlachd-sa.
71Is math dhòmhsa gu robh mi ann an àmhghar, a‑chum gum fòghlamainn do reachdan.
72Is fheàrr dhòmhsa lagh do bheòil na mìltean de òr agus de airgead.
IOD
73Rinn agus dhealbh do làmhan mi; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum fòghlaim mi d’àitheantan.
74Chì iadsan air am bi d’eagal mi, agus bidh iad ait, a chionn gun d’earb mi à d’fhacal.
75Tha fhios agam, a Thighearna, gu bheil do bhreitheanais ceart, agus gur ann am fìrinn a chlaoidh thu mi.
76Bidh a‑nis do thròcair chaomh a‑chum comhfhurtachd dhomh, a rèir d’fhacail rid òglach.
77Thigeadh do chaomh-thròcairean am ionnsaigh, a‑chum gum bi mi beò, oir is e do lagh mo thlachd.
78Biodh nàire air luchd an àrdain, oir gun adhbhar bhuin iad gu fiar rium; ach beachd-smaoinichidh mise air d’àitheantan.
79Tilleadh iadsan air a bheil d’eagal rium, agus iadsan a tha eòlach air do theisteis.
80Biodh mo chridhe treibhdhireach ann ad reachdan, a‑chum nach nàraichear mi.
CAPH
81Tha m’anam air a chlaoidh le dèidh air do shlàinte; ann ad fhacal chuir mi mo dhòchas.
82Tha mo shùilean air an caitheamh le feitheamh rid fhacal, nuair a tha mi ag ràdh, Cuin a nì thu furtachd orm?
83Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do reachdan.
84Cia lìon iad làithean d’òglaich? Cuin a chuireas tu breitheanas an gnìomh orrasan a tha an tòir orm?
85Chladhaich na h‑uaibhrich sluic dhomh, nach eil a rèir do lagha.
86Is fìrinn d’àitheantan-sa gu lèir; gu fealltach tha iad an tòir orm; cuidich thusa leam.
87Is beag nach do chuir iad as dhomh air thalamh; ach cha do thrèig mise do reachdan.
88A rèir do chaomh-thròcair beòthaich thusa mi, agus gleidhidh mi teisteas do bheòil.
LAMED
89Gu bràth, a Thighearna, tha d’fhacal seasmhach anns na nèamhan.
90O linn gu linn tha d’fhìrinn; dhaingnich thu an talamh, agus seasaidh e.
91A rèir d’òrdaighean tha iad buan gus an‑diugh, oir is iad na h‑uile do sheirbhisich.
92Mura biodh gum b’e do lagh mo thlachd, an sin gheibhinn bàs ann am àmhghar.
93Gu bràth cha dìochuimhnich mi do reachdan, oir leòsan bheòthaich thu mi.
94Is leat mise; saor mi; oir dh’iarr mi do reachdan.
95Dh’fheith na h‑aingidh orm a‑chum mo sgrios; ach beachd-smaoinichidh mi air do theisteis.
96Chunnaic mi crìoch gach iomlanachd; ach tha d’àithne-sa ro‑fharsaing.
MEM
97O cia ionmhainn leam do lagh-sa! Gach là is e mo chùis-smaoineachaidh.
98Led àithne rinn thu mi nas glice na m’eascairdean, oir tha i a‑ghnàth maille rium.
99Os cionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn, oir is iad do theisteis mo chùis-smaoineachaidh.
100Os cionn nan seanairean tha mi crìonna, a chionn gu bheil mi a’ gleidheadh do reachdan.
101O gach droch shlighe chùm mi mo chasan, a‑chum gun coimheadainn d’fhacal.
102Od bhreitheanais cha do chlaon mi, oir theagaisg thusa mi.
103Cia milis lem bhlas do bhriathran! Nas mìlse tha iad na mil dom bheul.
104Trìd do reachdan fhuair mi tuigse; uime sin is fuathach leam gach slighe bhreugach.
NUN
105Is lòchran d’fhacal dom chois agus solas dom cheum.
106Mhionnaich mi, agus coileanaidh mi e, gun coimhead mi breitheanais do cheartais.
107Tha mi ann an àmhghar ro‑mhòr; ath-bheothaich mi, a Thighearna, a rèir d’fhacail.
108Gabh uam gu taitneach, guidheam ort, a Thighearna, saor-thabhartasan mo bheòil, agus teagaisg dhomh do bhreitheanais.
109Tha m’anam a‑ghnàth am làimh; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do lagh.
110Chuir droch dhaoine ribe romham, ach od reachdan cha deachaidh mise air seachran.
111Ghabh mi do theisteis mar oighreachd gu bràth, oir is iad aoibhneas mo chridhe.
112Dh’aom mi mo chridhe a‑chum do reachdan a chur an gnìomh a‑ghnàth, gu ruig a’ chrìoch.
SAMECH
113Is fuath leam smuaintean faoine, ach is toigh leam do lagh.
114Is tusa m’ionad-falaich agus mo sgiath; as d’fhacal-sa tha m’earbsa.
115Imichibh uam, a luchd-dèanaimh an uilc, oir gleidhidh mise àitheantan mo Dhè.
116Cùm suas mi a rèir d’fhacail, agus mairidh mi beò; agus na leig fo nàire mi a‑thaobh mo dhòchais.
117Daingnich mi, agus bidh mi tèarainte, agus bidh tlachd agam ann ad reachdan a‑ghnàth.
118Shaltair thu orrasan uile a chaidh air seachran od reachdan, oir is breug an cealg.
119Mar shal tilgidh tu uat uile dhroch dhaoine na talmhainn; uime sin is toigh leam do theisteis.
120Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.
AIN
121Rinn mi breitheanas agus ceartas; na fàg mi dom luchd-fòirneart.
122Bi‑sa an urras air d’òglach a‑chum maith; na dèanadh na h‑uaibhrich fòirneart orm.
123Tha mo shùilean air an caitheamh le bhith a’ sealltainn airson do shlàinte agus airson facal d’fhìreantachd.
124Buin rid òglach a rèir do thròcair, agus teagaisg dhomh do reachdan.
125Is mi d’òglach; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum bi eòlas agam air do theisteis.
126Is mithich dhut, a Thighearna, a bhith a’ dèanamh; bhris iad do lagh.
127Uime sin is annsa leamsa d’àitheantan na an t‑òr, seadh na an t‑òr fìorghlan.
128Uime sin measaidh mi do reachdan uile a‑thaobh gach nì a bhith ceart; is fuathach leam gach slighe bhreugach.
PE
129Is iongantach do theisteis; air an adhbhar sin gleidhidh m’anam iad.
130Bheir fosgladh do bhriathran solas, a’ teagasg nan daoine aon-fhillte.
131Dh’fhosgail mi mo bheul, a’ plosgartaich, oir bha mi an geall air d’àitheantan.
132Amhairc orm, agus dèan tròcair orm, mar as gnàth leat a dhèanamh dhaibhsan len ionmhainn d’ainm.
133Stiùir mo cheuman a rèir d’fhacail, agus na biodh aig euceart sam bith uachdaranachd orm.
134Teasairg mi o fhòirneart dhaoine, agus coimheadaidh mi d’òrdaighean.
135Thoir air do ghnùis dealrachadh air d’òglach, agus teagaisg dhomh do reachdan.
136Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh.
TSADDI
137Is cothromach thusa, a Thighearna, agus is ceart do bhreitheanas.
138Dh’àithn thu do theisteis mar cheartas agus mar fhìrinn mhòir.
139Chlaoidh m’eud mi, a chionn gun do dhìochuimhnich mo naimhdean do bhriathran.
140Ro‑ghlan tha d’fhacal-sa, agus is ionmhainn led òglach e.
141Tha mi beag agus suarach; gidheadh cha dìochuimhnich mi do reachdan.
142Is ceartas sìorraidh do cheartas-sa, agus is fìrinn do lagh.
143Ghlac teinn agus àmhghar mi, ach is iad d’àitheantan mo thlachd.
144Mairidh ceartas do theisteis gu bràth; thoir-sa tuigse dhomh, agus bidh mi beò.
KOPH
145Ghlaodh mi lem uile chridhe; èisd rium, a Thighearna; gleidhidh mi do reachdan.
146Ghlaodh mi riut; saor mi, agus coimheadaidh mi do theisteis.
147Thàinig mi ron sgarthanaich, agus dh’èigh mi; as d’fhacal dh’earb mi.
148Ghabh mo shùilean ro fhairean na h‑oidhche, a‑chum gum beachd-smaoinichinn air d’fhacal.
149Eisd rim ghuth a rèir do choibhneis gràidh; a Thighearna, a rèir do bhreitheanais beòthaich mi.
150Thàinig luchd-leanmhainn droch-bheairt am fagas, ach fada bha iad od lagh.
151Am fagas tha thusa, a Thighearna, agus is fìrinn d’àitheantan uile.
152O thoiseach b’fhiosrach mi a‑thaobh do theisteas gun do shuidhich thu iad gu bràth.
RESH
153Amhairc air m’àmhghar, agus teasairg mi, oir cha do dhìochuimhnich mi do lagh.
154Tagair mo chùis, agus saor mi; a rèir d’fhacail beòthaich mi.
155Is fada slàinte o dhroch dhaoine, oir chan iarr iad do reachdan.
156Is lìonmhor do chaomh-thròcairean, a Thighearna; a rèir do bhreitheanas beòthaich mi.
157Is lìonmhor mo luchd-tòrachd agus m’eascairdean; gidheadh, od theisteis cha do chlaon mise.
158Chunnaic mi luchd-easaontais, agus bha doilgheas orm, a chionn nach do choimhead iad d’fhacal.
159Feuch, is ionmhainn leam do reachdan; a Thighearna, a rèir do choibhneis gràidh beòthaich thusa mi.
160O thoiseach is fìrinn d’fhacal-sa, agus gu bràth mairidh uile bhreitheanais do cheartais.
SCHIN
161Bha uachdarain an tòir orm gun adhbhar, ach rod fhacal-sa tha eagal air mo chridhe.
162Tha aiteas orm rid fhacal-sa, mar neach a fhuair creach mhòr.
163Is fuath leam agus is oillteil leam breug, ach is toigh leam do lagh-sa.
164Seachd uairean anns an là bheir mi moladh dhut airson breitheanais do cheartais.
165Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.
166Dh’fheith mi rid shlàinte, a Thighearna, agus choilean mi d’àitheantan.
167Choimhead m’anam do theisteis, agus is ro‑ionmhainn leam iad.
168Choimhead mi do reachdan agus do theisteis, oir tha mo shlighean uile fad chomhair.
TAU
169Thigeadh mo ghlaodh am fagas ad làthair, a Thighearna; a rèir do bhriathran thoir tuigse dhomh.
170Thigeadh m’aslachadh ad làthair; a rèir d’fhacail teasairg mi.
171Cuiridh mo bhilean an cèill do chliù, nuair a theagaisgeas tu dhomh do reachdan.
172Aithrisidh mo theanga d’fhacal, oir is ceartas d’àitheantan uile.
173Cuidichidh do làmh leam, oir roghnaich mi do reachdan.
174Bha mi an geall air do shlàinte, a Thighearna, agus is e do lagh mo thlachd.
175Biodh m’anam beò, agus molaidh e thu, agus cuidichidh do bhreitheanais leam.
176Chaidh mi air seachran mar chaora chaillte; iarr d’òglach, oir cha do dhìochuimhnich mi d’àitheantan.

Currently Selected:

Salm 119: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in