YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 21

21
1An dèidh nan nithean sin dh’fhoillsich Iosa e fhèin a‑rìs da dheisciobail aig muir Thiberiais; agus air an dòigh seo nochd e e fhèin:
2Bha maille ri chèile Sìmon Peadar, agus Tòmas den goirear Didimus, agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile de a dheisciobail.
3Thubhairt Sìmon Peadar riu, Tha mise a’ dol a dh’iasgach. Thubhairt iadsan ris, Tha sinne a’ dol maille riut. Dh’imich iad a‑mach, agus chaidh iad a‑steach do luing air ball; agus cha do ghlac iad nì air bith an oidhche sin.
4Ach nuair a bha a’ mhadainn a‑nis air teachd, sheas Iosa air an tràigh: gidheadh cha robh fhios aig na deisciobail gum b’e Iosa a bha ann.
5An sin thubhairt Iosa riu, A chlann, a bheil biadh air bith agaibh? Fhreagair iadsan e, Chan eil.
6Agus thubhairt esan riu, Tilgibh an lìon air an taobh a deas den luing, agus gheibh sibh. Thilg iad uime sin, agus a‑nis cha b’urrainn iad a tharraing airson lìonmhorachd an èisg.
7Uime sin thubhairt an deisciobal sin, a b’ionmhainn le Iosa, ri Peadar, Is e an Tighearna a tha ann. A‑nis nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bha ann, cheangail e a chòt-uachdair uime (oir bha e lomnochd), agus thilg e e fhèin anns a’ mhuir.
8Thàinig na deisciobail eile ann an luing bhig; (oir cha robh iad fada o thìr, ach mu thimcheall dà cheud làmh-choille), a’ tarraing an lìon èisg.
9Uime sin nuair a thàinig iad air tìr, chunnaic iad grìosach an sin, agus iasg air a chur oirre, agus aran.
10Thubhairt Iosa riu, Thugaibh an seo den iasg a ghlac sibh a‑nis.
11Chaidh Sìmon Peadar suas, agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de èisg mhòra, ceud agus lethcheud agus trì: agus ged bha an uiread sin ann, cha do bhriseadh an lìon.
12Thubhairt Iosa riu, Thigibh, gabhaibh ur dìnnear. Agus cha robh a chridhe aig aon de na deisciobail fheòraich dheth, Cò thusa? Oir dh’aithnich iad gur e an Tighearna a bha ann.
13An sin thàinig Iosa, agus ghlac e aran, agus thug e dhaibh e, agus iasg mar an ceudna.
14Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh.
15An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain.
16Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich.
17Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.
18Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu òg, chrioslaich thu thu fhèin, agus dh’imich thu an taobh a bu mhiann leat: ach nuair a bhios tu aosmhor, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus crioslaichidh neach eile thu, agus bheir e thu an taobh nach àill leat.
19Seo thubhairt e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis leis an tugadh e glòir do Dhia. Agus air dha seo a ràdh, Thubhairt e ris, Lean mise.
20An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deisciobal a b’ionmhainn le Iosa, a’ leantainn; an tì mar an ceudna a laigh air uchd Iosa aig an t‑suipeir, agus a thubhairt ris, A Thighearna, cò e a bhrathas thu?
21Air do Pheadar esan fhaicinn, thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, ciod a nì am fear seo?
22Thubhairt Iosa ris, Mas àill leam-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Lean thusa mise.
23Uime sin chaidh an ràdh seo a‑mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs: gidheadh cha dubhairt Iosa ris nach faigheadh e bàs: ach, Mas i mo thoil-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa?
24Is e seo an deisciobal a tha a’ dèanamh fianais air na nithean seo, agus a sgrìobh na nithean seo: agus tha fhios againne gu bheil a fhianais fìor.
25Agus tha mar an ceudna mòran de nithean eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhèin na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichean. Amen.

Currently Selected:

Eòin 21: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy