An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain. Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich. Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.
Read Eòin 21
Share
Compare all versions: Eòin 21:15-17
Save verses, read offline, watch teaching clips, and more!
YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy
Home
Bible
Plans
Videos