YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 17

17
1Labhair Iosa na briathran seo; agus thog e suas a shùilean gu nèamh, agus thubhairt e, Athair, thàinig an uair; glòraich do Mhac, a‑chum gun glòraich do Mhac thusa mar an ceudna:
2A‑chum, mar a thug thu cumhachd dha air gach feòil, na h‑uile a thug thu dha, gun tugadh esan dhaibh a’ bheatha mhaireannach.
3Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.
4Ghlòraich mise thusa air thalamh: chrìochnaich mi an obair a thug thu dhomh ra dèanamh.
5Agus a‑nis, Athair, glòraich thusa mise maille riut fhèin, leis a’ ghlòir a bha agam maille riut mun robh an saoghal ann.
6Dh’fhoillsich mise d’ainm do na daoine a thug thu dhomh as an t‑saoghal: bu leatsa iad, agus thug thu dhòmhsa iad; agus choimhead iad d’fhacal.
7A‑nis thuig iad gur ann uat a tha na h‑uile nithean, a thug thu dhòmhsa.
8Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi.
9Air an son-san tha mi a’ guidhe: chan eil mi a’ guidhe airson an t‑saoghail, ach airson na muinntir sin a thug thu dhomh, oir is leatsa iad.
10Agus is leatsa na h‑uile nithean as leamsa, agus is leamsa na nithean as leatsa; agus tha mi air mo ghlòrachadh annta.
11Agus a‑nis chan eil mise nas mò anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa. Athair naoimh, coimhead iadsan tre d’ainm, a thug thu dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar tha sinne.
12Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.
13Agus a‑nis tha mi a’ teachd ad ionnsaigh-sa; agus tha mi a’ labhairt nan nithean seo anns an t‑saoghal, a‑chum gum biodh mo ghàirdeachas aca air a choileanadh annta.
14Thug mi d’fhacal dhaibh; agus thug an saoghal fuath dhaibh, airson nach ann den t‑saoghal iad, mar nach eil mise den t‑saoghal.
15Chan eil mi a’ guidhe gun tugadh tu as an t‑saoghal iad, ach gun coimheadadh tu on olc iad.
16Chan eil iadsan den t‑saoghal, mar nach eil mise den t‑saoghal.
17Naomhaich iad tron fhìrinn: is e d’fhacal-sa an fhìrinn.
18Mar a chuir thusa mise a‑chum an t‑saoghail, mar sin chuir mise iadsan a‑chum an t‑saoghail.
19Agus air an son-san tha mise gam naomhachadh fhèin, a‑chum gum bi iadsan mar an ceudna air an naomhachadh tron fhìrinn.
20Agus chan eil mi a’ guidhe air an son-san a‑mhàin, ach mar an ceudna airson na muinntir sin a chreideas annamsa tro am facal-san:
21A‑chum gum bi iad uile nan aon; a‑chum mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan mar an ceudna nan aon annainne; a‑chum gun creid an saoghal gun do chuir thusa uat mi.
22Agus thug mise dhaibhsan a’ ghlòir a thug thusa dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar a tha sinne nar n‑aon;
23Mise anntasan, agus thusa annamsa, a‑chum gun dèanar coileanta iad ann an aon; agus a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gun do chuir thusa uat mi, agus gun do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise.
24Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum bi iad maille rium, far a bheil mi; a‑chum gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh: oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain.
25Athair chothromaich, cha b’aithne don t‑saoghal thusa: ach b’aithne dhòmhsa thu, agus thuig iad seo gun do chuir thusa uat mi.
26Agus dh’fhoillsich mise d’ainm dhaibh, agus foillsichidh mi e, a‑chum gum bi an gràdh, leis an do ghràdhaich thu mise, anntasan, agus mise annta.

Currently Selected:

Eòin 17: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy