Tobit 9
9
CAIB. IX.
1An sin ghairm Tobias air Raphael, agus thubhairt e ris,
2A Bhràthair Asariais, thoir leat seirbhiseach agus dà chàmhal, agus rach gu Rages Mhedia gu Gabael, agus thoir amʼ ionnsuidh an t‑airgiod, agus thoir e fein chum na bainnse.
3Oir mhionnaich Raguel nach téid mise air falbh.
4Ach tha mʼ athair ag àireamh nan làithean: agus ma nì mi dàil mhòir, bithidh e ro bhrònach.
5Mar so chaidh Raphael a mach, agus dhʼ fhan e maille ri Gabael, agus thug e dha an làmh‑sgrìobhadh: a thug a mach màlan a bha air an seuladh suas, agus thug e dha iad.
6Agus gu moch anns aʼ mhaduinn chaidh iad le chéile a mach cuideachd, agus thàinig iad chum na bainnse; agus bheannaich Tobias a bhean fein.
S'ha seleccionat:
Tobit 9: MacGAP
Subratllat
Comparteix
Compara
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017