Sailm Dhaibhidh 67

67
Salm 67
1Gun dèanadh Dia mòr thròcair oirnn,
's ar beannachadh a‑ghnàth:
Is togadh e gu gràsmhor oirnn
dealradh a ghnùis' gu bràth.
2Chum fios do shlighe bhith gu fìor
's gach uile thìr air bith:
Is iomradh air do shlàinte chaoimh
measg fhineachan fa leth.
3Moladh am poball thus', a Dhè:
moladh gach poball thu.
4Biodh gàirdeachas air fineachan,
gu h‑ait a' seinn do chliù:
Oir ceart-bhreith bheir thu air an t‑sluagh,
riaghlaidh air thalamh iad.
5Moladh gach poball thus', a Dhè:
moladh iad thu 's gach àit.
6'N sin bheir gach talamh is gach fonn
deagh thoradh trom gu pailt:
Is cuiridh Dia ar Tighearn oirnn
a bheannachadh gun airc.
7Nì Dia ar beannachadh gun cheist,
's bidh 'eagal-san gu fìor
Air gach aon neach a dh'àiticheas
fad iomall crìoch gach tìr'.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 67: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy