Sailm Dhaibhidh 66

66
Salm 66
1Togaibh, gach uile thìr, gu h‑àrd
iolach do Dhia nan dùl.
2Da ainm ro‑uasal seinnibh glòir,
a' tabhairt dhàsan cliù.
3Abraibh ri Dia, Cia uamhasach
gach beairt do nìthear leat!
Oir gèillidh dhut do naimhdean borb',
airson gur mòr do neart.
4Sleuchdaidh gach uile thalamh dhut,
ag iomradh ort gu binn:
Dod ainm ro‑uasal iongantach
Nì 'd moladh mòr a sheinn.
5Thigibh an seo is amhaircibh
air oibrean Dhè gu geur,
Tha uamhasach na ghnìomharan
air chloinn nan daoin' gu lèir.
6Mar thalamh tioram rinn e 'n cuan:
is trìd nan sruth bu luath
Dan cois chaidh daoine, nuair a bha
sinn annsan ait le buaidh.
7Le threun-neart riaghlaidh e a‑chaoidh;
na slòigh da shùilean 's lèir:
'S na h‑àrdaicheadh luchd-easaontais
gu h‑amaideach iad fhèin.
8O dhaoine, beannaichibh ar Dia,
àrd-mholaibh e gun chlos.
9'S e chùm ar n‑anam beò, 's e bheir
nach caraichear ar cos.
10Mar airgead leaghte ghlan thu sinn:
's tu dh'fhidir sinn, a Dhè:
11Chuir umainn lìon; ar leasraidh chuir
fo dhòrainn is fo phèin.
12Thug thu air daoine marcachd oirnn,
tre theine 's uisge chaidh;
A‑rìs gu ionad saoibhir rèidh,
's tu fhèin thug sinn le buaidh.
13Racham dod thaigh le ofrail-loisgt':
dhut coileanam mo bhòid,
14A ghealladh leam le fosgladh bèil,
tràth bha mi 'n èiginn mhòir.
15Den fheudail reamhar, ìobairt-loisgt'
le tùis is saill nan reith';
Ofrail nam bò, 's nan gobhar fòs
siud bheir mi dhut fa leth.
16Thigibh, is èisdibh seo, gach neach
air a bheil eagal Dhè,
Gach math do rinn air m'anam bochd,
siud aithriseam gu rèidh.
17Do ghlaodh mi ris gu h‑àrd lem bheul:
lem theangaidh dh'àrdaich e.
18Am chrìdh' ma bheir mi spèis don olc,
chan èisd an Tighearn mi.
19Gu dearbh dh'èisd Dia rium: thug fa‑near
guth m'ùrnaigh Rìgh nan dùl.
20Moladh do Dhia, nìor cheil a ghràs,
's mo ghuidh' nìor chuir air cùl.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 66: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy