Sailm Dhaibhidh 47

47
Salm 47
1Buailibh ur basan, uile shlòigh,
tha chòmhnaidh anns gach àit;
Le guth 's le gàirdeachas do Dhia,
suas togaibh iolach àrd:
2Oir Dia ro‑àrd is uamhann e;
Rìgh mòr os cionn gach tìr'.
3Am poball cuiridh e for smachd,
for cois na slòigh gu lèir.
4Mòrachd Iàcoib don tug e gràdh,
mar oighreachd dhuinne thagh:
5Chaidh Dia le caithreim àrd a‑suas,
le trompaid 's fuaimneach bladh.
6Seinnibh do Dhia, seinn moladh: seinn
dar Rìgh, seinn moladh binn:
7Oir 's Rìgh Dia mòr os cionn gach tìr,
seinn dha gu h‑eòlach grinn.
8Tha Dia na shuidh' na chathair naoimh;
's e 's Rìgh air cinnich ann.
9Prionnsan nan sluagh do chruinnich iad,
poball Dhè Abrahàim;
Airson gur le Iehòbhah mhàin
sgiath dhìdein do gach tìr:
'S e fhèin as àird' 's as urramaich,
's dha dlighear moladh sìor.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 47: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy