Sailm Dhaibhidh 46

46
Salm 46
1'S e Dia as tèarmann dhuinn gu beachd,
ar spionnadh e 's ar treis:
An aimsir carraid agus teinn,
ar cobhair e ro‑dheas.
2Mar sin ged ghluaist' an talamh trom,
chan adhbhar eagail dhuinn:
Ged thilgeadh fòs na slèibhtean mòr'
am buillsgean fairg' is tuinn.
3Na h‑uisgeachan le beucaich bhuirb,
ged rachadh thar a chèil':
Len ataireachd ged bhiodh air chrith
na beanntan àrd' gu lèir.
4Tha abhainn ann, le 'sruthan sèimh,
nì cathair Dhè ro‑ait;
Fìor àite naomh an tì as àird',
am bheil sìor-chòmhnaidh aig.
5Tha Dia na meadhon innte staigh;
mar sin cha ghluaisear i;
Oir cuideachadh is còmhnadh leath'
's e Dia gu moch a nì.
6Do ghabh na cinnich boil', is ghluais
na rìoghachdan gu cas:
Air cur do Dhia a ghuth a‑mach,
do leagh an talamh as.
7Tha Dia nan sluagh leinn fhèin a‑ghnàth;
Dia Iàcoib 's tèarmann dhuinn.
8Thigibh, is faicibh oibrean Dhè,
gach sgrios air talamh rinn.
9Gu iomall fòs an domhain mhòir
an cogadh nì e chosg:
Am bogha bhris, an t‑sleagh do gheàrr,
an carbad-cogaidh loisg.
10Bibh sàmhach, 's tuigibh gur mi Dia:
àrdaichear mi gu sìor
Am measg nan sluagh, biodh urram dhomh
air feadh gach uile thìr.
11Tha Dia nan sluagh ri còmhnadh leinn,
's an còmhnaidh air ar crann:
Is e Dia Iàcoib 's tèarmann dhuinn,
dar furtachd anns gach àm.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 46: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy