Sailm Dhaibhidh 38

38
Salm 38
1A Thighearn, ann ad chorraich mhòir
na cronaich mi gu garg;
Na dèan mo smachdachadh gu geur,
an uair a lasas d'fhearg.
2Oir tha do shaighdean guineach geur
sàitht' annam fhèin gu teann:
Is orm a tha do làmh gu trom,
gam chumail sìos gach àm.
3Chan eil maoin fhallaineachd am fheòil,
airson do chorraich ghèir;
Am chnàmhan chan eil tàmh no fois,
airson mo pheacaidh fhèin.
4Oir chaidh mo pheacaidh os mo chionn;
tàid orm nan èire thruim.
5Mo chreuchdan tha ro‑lobhta, 's breun;
mo ghòraich 's coireach rium.
6Tha mi gu cràiteach, easlan, crom,
a' triall gach là le bròn.
7Mo leasraidh làn de ghalar breun:
gun fhallaineachd am fheòil.
8Tàim lag is brùit': a' bùireadh fòs
trìd an‑shocair mo chrìdh'.
9Ad làth'r, a Dhè, tha m'uile mhiann:
chan fhalaicht' ort mo chaoidh.
10Mo chridhe tha sìor phlosgartaich,
mo neart chaidh uam gu glan;
An taic ri fradharc geur mo shùl,
sin agam fòs cha d'fhan.
11Tha luchd mo ghaoil 's mo chàirdean caomh
a' seasamh fad om bheum,
Mo choimhearsnaich is luchd mo phàirt,
a' teicheadh uam an cèin.
12Sealg orm a tha luchd-iarraidh m'anm':
luchd-iarraidh m'uilc a‑ghnàth,
A' labhairt nithean aimhleasach,
's a' smaoineach' ceilg' gach là.
13Ach mise fòs mar bhodhar mi,
nach cluinneadh guth no sgeul:
Is cosmhail mi ri duine balbh,
gun chomas fosgladh bèil.
14Mar sin mar dhuine mi nach cluinn,
gun achmhasan na bheul.
15Oir dh'earb mi riut, a Dhè, mo Thriath:
Dhia, freagraidh tus' am fheum.
16Thubhairt mi, Chum nach maoidheadh iad,
thoir freagradh dhomh gu cas;
Is chum nach dèan iad gàirdeachas
'n tràth shleamhnaicheas mo chas.
17Oir 's dlùth chum claonaidh mi, 's mo bhròn
am fhianais tha do ghnàth.
18Mo lochd do innseam, is fom chiont',
mòr-aimheal ormsa tha.
19Ach mheud 's a tha nan naimhdean dhomh,
's ro‑bheothail iad 's is treun;
Is luchd mo mhìoruin eucorach,
tàid lìonmhor mar an ceudn'.
20'S iad sin as naimhdean dhomh gu fìor,
luchd-dìolaidh maith le olc;
Airson gu bheil mi leantainn air
an nì tha math gun lochd.
21Na trèig mi, Thighearna: mo Dhia,
na bi‑sa uam an cèin.
22Dhia, greas a‑chum mo chuideachaidh,
oir 's tu mo shlàinte fhèin.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 38: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy