Sailm Dhaibhidh 147

147
Salm 147
1Molaibh-se Dia; oir 's math bhith seinn
àrd-mholadh binn dar Dia,
Oir 's tlachdmhor e 's is maiseil siud,
bhith tabhairt cliù don Triath.
2Suas togaidh Dia Ierusalem;
cruinnichidh e ri chèil'
An dream den d'rinneadh dìobaraich,
de ghineal Israèil.
3Don aitim ga bheil cridhe brùit'
bheir esan slàinte mhòr:
Is ceanglaidh suas gu faiceallach
gach cneadh tha orra 's leòn.
4Na reultan lìonmhor àirmhear leis;
gan ainmeachadh gu lèir.
5Is mòr ar Dia, 's is mòr a neart;
gun tomhas air a chèill.
6Togaidh Iehòbhah suas gu dearbh
na daoine ciùin a‑rìs,
Is leagar leis na daoi le tàir,
gu làr, gan tilgeadh sìos.
7Seinnibh do Dhia Iehòbhah mòr,
le buidheachas gu binn:
Seinnibh dar Dia-ne moladh àrd
air teud na clàrsaich ghrinn.
8'S e dh'fhal'cheas nèamh le neulan tiugh',
dh'ullaicheas uisge fòs
Don talamh; 's e bheir air an fheur
bhith fàs air slèibhtean mòr'.
9Don ainmhidh 's do gach beathach beò
bheir esan lòn gun dìth;
Is do na fithich òg' faraon
a ghlaodhas 'g iarraidh bìdh.
10An neart an eich cha bhi a dhùil,
ge mòr a lùth 's a threis;
Cha ghabh e tlachd an casan fir
sheasas gu dìreach deas.
11Tha Dia a' gabhail tlachd gu mòr
don dream don eagal e,
Chuireas an dòchas is an dòigh
na thròcair-san gach rè.
12Thoir moladh, O Ierusaleim,
do Dhia Iehòbhah mòr,
Dod Dhia-sa tabhair moladh fìor,
O Shion, mar as còir.
13Croinn-dhruididh fòs do dhorsan mòr'
do neartaich e gu math;
Is bheannaich e do shliochd gu lèir
ad mheadhon fhèin a‑staigh.
14'S e chuireas ann ad chrìochan fòs
sìth agus sonas mòr:
'S e nì le smior a' chruithneachd ghloin
do shàsachadh gu leòr.
15'S e chuireas 'àithne mach air tìr,
nì fhacal ruith gu luath.
16Bheir sneachd mar olainn; sgaoilidh e
an liath-reodh mar an luath.
17Leac-eighe tilgidh e a‑mach,
mar ghreamannan nach gann;
Is anns an fhuachd a rinneadh leis,
cò dh'fhaodas seasamh ann?
18Cuiridh e fhacal mòr a‑mach,
is leaghar iad a‑rìs:
Air sèideadh dha le gaoith an sin,
sruthaidh na tuiltean sìos.
19Do Iàcob tha e foillseachadh
a bhriathar fìorghlan naomh,
A statuin is a bhreitheanais
do Israel gu caomh.
20Seo maitheas nach do dheònaich e
dh'aon chinneach tha fon ghrèin:
A bhreitheanais cha b'aithne dhaibh.
Molaibh Iehòbhah treun.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 147: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy