Sailm Dhaibhidh 148

148
Salm 148
1Molaibh-se Dia. Ard-mholaibh fòs
Iehòbhah mòr gu bràth,
O nèamh nan speur; molaibh-se Dia,
sna h‑ionadan as àird'.
2Uil' ainglean Dhè, mòr-mholaibh e:
molaibh e, 'shluagh gu lèir.
3O ghrian 's a ghealach, molaibh e,
's a reultan glan nan speur.
4O nèamhan àrd' nan uile nèamh,
is uisgeachan a tha
An còmhnaidh shuas os cionn nan speur,
molaibhse Dia a‑ghnàth.
5Thugadh iad cliù is moladh binn
do ainm Iehòbhah thrèin;
Oir chuir e 'àithne mach le neart,
is rinneadh iad da rèir.
6Do rinn e fòs an daingneachadh
a‑chum bhith buan a‑ghnàth:
Is chuir e statuin orra siud
nach tèid air chùl gu bràth.
7On talamh fòs a tha fo nèamh,
molaibh Iehòbhah treun;
Uil' dhràgonan ro‑uamhasach,
's a dhoimhneachdan gu lèir.
8Tein'-adhair agus clach-shneachd chruaidh
an ceò thèid suas, 's an sneachd;
Gaoth dhoineannach a' coileanadh
a bhriathar-san gu beachd;
9Na slèibhtean farsaing atmhor mòr',
's na tulaich fòs le chèil':
Gach craobh bheir toradh agus blàth,
's na seudair àrd' gu lèir.
10Gach beathach, ainmhidh, is gach dùil
a shnàigeas air an làr,
'S gach eunlaith sgiathach iteagach,
tha 'g itealaich gu h‑àrd.
11Gach rìgh air thalamh, làidir mòr,
's gach poball fòs air bith;
Na prionnsan is luchd breitheanais
tha thar gach tìr fa leth.
12Na h‑òigearan tha calma deas,
's na maighdeannan le chèil';
Na seanairean tha eòlach glic,
's gach leanabh òg gu lèir.
13Ainm Dhè àrd-mholadh iad, oir tha
'ainm-san a‑mhàin ro‑mhòr:
Os cionn na talmhainn is nan nèamh,
air àrdachadh tha ghlòir.
14Adharc a shluaigh leis àrdaichear,
seadh cliù a naomh gu lèir;
Sluaigh Israeil, tha dhàsan dlùth.
Molaibh Iehòbhah treun.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 148: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy