Sailm Dhaibhidh 142

142
Salm 142
1Ghlaodh mi ri Dia lem ghuth; is fòs
lem ghuth rinn m'ùrnaigh ris.
2Mo chaoidh na fhianais dhòirt mi mach,
's mo thrioblaid dh'fhoillsich mis'.
3Tràth bha mo spiorad bàthte staigh,
'n sin b'aithne dhut mo cheum;
Sa bhealach san do shiubhail mi,
gun fhios do leag iad lìon.
4Dh'amhairc mi air mo dheis, is dh'fheuch,
's cha robh fear m'eòlais ann;
No neach dom anam bheireadh spèis;
thrèig cobhair mi san àm.
5O Thighearna, do ghlaodh mi riut,
is thubhairt mi gun ghò,
Gur tu as tèarmann dìleas dhomh,
's mo chuid an tìr nam beò.
6Chionn gun do chlaoidheadh mi gu truagh,
èisd ri mo ghlaodh san àm;
Is saor mi o luchd m'fhòirneirt mhòir,
oir 's treasa leo na leam.
7A prìosan m'anam buin a‑mach,
d'ainm-sa gum molar leam:
Is iadhaidh umam fìreanan,
oir nì thu pailteas rium.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 142: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy