Sailm Dhaibhidh 141

141
Salm 141
1O Dhia, a ta mi 'g èigheach riut,
dèan deifir thugam fhèin;
Is tabhair èisdeachd fòs dom ghuth,
tràth ghlaodham riut am fheum.
2Mar bholtrach tùis ad làthair suas,
mar sin biodh m'ùrnaigh riut;
Is togail suas mo làmh gu robh
mar an ìobairt fheasgair dhut.
3Cuir faire air mo bheul, a Dhia;
doras mo bhèil-sa glèidh.
4Gu droch-bheairt, no gu olc air bith
na aom mo chrìdh', a Dhè:
Eagal le luchd na h‑aingidheachd,
gun cuirinn olc an gnìomh,
Ge milis blasd' an sògh 's an gleus,
chan ith mi fhèin maoin dhiubh.
5Buaileadh am fìrean mi le smachd,
gabhaidh mi sin gu caomh:
Gabhaidh mi uaith an t‑achmhasan,
mar ola phrìseil mhaoth.
Cha bhris am bualadh ud mo cheann
oir fòs thèid m'ùrnaigh suas,
Tràth bhios an aitim ud gu truagh
nan àmhghar cruaidh an sàs.
6Tràth thilgear sìos air clachan cruaidh,
am britheamhan gu lèir;
'N sin cluinnidh iad, oir 's milis binn,
deagh bhriathran grinn mo bhèil.
7Ar cnàmhan fòs aig beul na h‑uaigh'
do sgaoileadh leò le tàir,
Mar ghearrar is mar sgoiltear fiodh
na spealtan air an làr.
8Ach tha mo shùilean riutsa suas,
Iehòbhah Dhia nam feart:
Na fàg-sa m'anam bochd gun treòir,
's tu fhèin mo dhòigh 's mo neart.
9O teasairg mi on rib', a Dhè,
a leag iad chum mo sgrios;
'S o lìontan luchd na h‑aingidheachd
a dh'fhalaich iad gun fhios.
10Ach tuiteadh luchd na h‑aingidheachd
nan lìontan rinneadh leò.
Am feadh bhios mise gabhail thart',
's a' tèarnadh asda beò.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 141: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy