Sailm Dhaibhidh 116

116
Salm 116
1Is toigh leam Dia, airson gun d'èisd
rim ghuth, 's rim ùrnaigh fòs.
2A chionn gun d'aom e rium a chluais
sìor èigheam ris rim bheò.
3Chaidh umam dòrainn gheur a' bhàis,
ghlac piantan ifrinn mi:
Theann-ghlacadh mi le trioblaid thruaigh,
is àmhghar cruaidh dom chlaoidh.
4Air ainm Iehòbhah ghair mi 'n sin,
(mar seo a' labhairt ris,)
O Dhia mo Thighearn, guidheam ort,
saor m'anam bochd a‑nis.
5A ta Iehòbhah gràsmhor, ceart;
's is tròcaireach ar Dia.
6'S e ghleidheas daoine sìmplidh ciùin':
lag bha mi, 's dh'fhòir an Triath.
7O m' anam, feuch gun till thu nis,
gud shuaimhneas is gud thàmh;
Oir dheònaich Dia gu saoibhir dhut
mòr-thoirbheartas a làimh'.
8O ghàbhadh is o chunnart bàis
shaor thusa m'anam bochd;
Mo chasan shaor o shleamhnachadh,
's mo shùil o dheuran goirt'.
9An sealladh Dhè, an tìr nam beò,
gu dìreach gluaisear leam.
10Do bhrìgh gun chreid mi, labhair mi;
's mi air mo chlaoidh gu trom.
11Am dheifir thubhairt mi mar seo;
'S breugach gach duin' air bith.
12Ciod dh'ìocas mi do Dhia, airson
na rinn e dhomh de mhath?
13Cupan na slàinte glacar leam,
air ainm Dhè gaiream fhèin.
14Iocam mo bhòid do Dhia a‑nis
an làth'r a shluaigh gu lèir.
15Aig Dia 's ro‑phrìseil bàs a naomh.
16Dhè, d'òglach 's mi gu beachd;
'S mi d'òglach, mac do bhanoglaich;
mo chuibhreach sgaoileadh leat.
17Bheir mise ìobairt-mholaidh dhut;
air ainm Dhè gaiream fhèin.
18Iocam mo bhòid do Dhia a‑nis
an làth'r a shluaigh gu lèir.
19An cùirtean àlainn àros Dhè,
ad bhuillsgean fhèin gu fìor,
O chathair àrd Ierusaleim,
Molaibh an Triath gu sìor.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 116: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy