Sailm Dhaibhidh 115

115
Salm 115
1Dhuinne chan ann, a Thriath, chan ann,
ach dod ainm uasal fhèin
Tabhair an cliù 's a' ghlòir, air sgàth
do ghràis is d'fhìrinn rèidh.
2Carson a theireadh fineachan,
Càit bheil an Dia a‑nis?
3Ar Dia a ta air nèamh, is rinn
gach gnìomh bu toileach leis.
4An iodhail 's airgead iad is òr,
gnìomh làmhan dhaoine fhèin.
5Tha bèil ac' leis nach labhair iad;
is sùilean leis nach lèir.
6Tha cluasan ac', 's cha chluinn iad leo;
is sròin', gun fhàile annt';
7An làmh gun chlì, an cas gun cheum;
an sgòrnan gun smid chainnt'.
8Iadsan a dhealbh 's a ghèilleas dhaibh,
's ro‑chosmhail iad riu fhèin.
9O Israeil, dèan-sa bun à Dia;
's e 'n sgiath, 's an còmhnadh treun.
10Thaigh Aaroin, O dèan bun à Dia;
's e 'n còmhnadh, is an sgiath.
11Luchd-eagail Dhè, làn-earbaibh as:
an sgiath 's an neart 's e Dia.
12Iehòbhah Dia bha cuimhneach oirnn;
beannaichidh e sinn fhèin;
Beannaichear leis taigh Israeil,
's taigh Aaroin mar an ceudn'.
13Na big 's na mòir don eagal Dia,
beannaichidh e gu caoin.
14Cuiridh e sibh an lìonmhorachd,
sibh fhèin 's ur sliochd faraon.
15Is beannaicht' sibh on Tighearna,
rinn nèamh is làr gu lèir.
16An talamh thug do chloinn nan daoin';
's leis fhèin àrd nèamh nan speur.
17Na mairbh, no 'n dream thèid tosdach sìos
don uaigh, cha mhol iad Dia.
18Ach molar leinn e nis, 's gu bràth.
Molaibh gu h‑àrd an Triath.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 115: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy