Sailm Dhaibhidh 109

109
Salm 109
1O Dhia, tha 'd adhbhar molaidh dhomh,
gu balbh ad thosd na bi.
2Oir beul nan daoi, 's nam fealltach tha
gnàth-fhosgailt' air mo thì:
Le teangaidh bhreugaich labhair iad
am aghaidh-sa a‑ghnàth.
3Chuartaich iad mi le briathran fuath':
chuir cath orm gun chion-fàth.
4Airson mo ghaoil tàid naimhdeil dhomh,
is mi ri ùrnaigh ghnàth.
5Olc dhìol iad rium an èirig maith,
is fuath airson mo ghràidh.
6Fear droch-bheairt cuir-sa os a chionn;
biodh Sàtan aig a dheis.
7Urnaigh gu robh na peacadh dha,
fàgar am binn e rìs.
8Geàrr gu robh 'aois; is glacadh neach
oifig 's a dhreuchd gun iochd.
9Gu robh a bhean na bantrabhaich,
's nan dìlleachdain a shliochd.
10Air seachran biodh a shliochd a‑ghnàth
ag iarraidh dèirc' nam feum;
Is as an àitean falamh fàs
ag iarraidh bìdh dhaibh fhèin.
11Gun glacar fòs le luchd nam fiach
gach nì a bhuineas dha:
'S a shaothair-san mar chobhartaich,
gum buineadh coigrich leo.
12Na biodh neach ann nì tròcair air;
na bitheadh fòs a h‑aon
A ghabhas truas da shliochd, a bhiodh
nan dìlleachdain gun mhaoin.
13Sgrios gu robh air a ghineil-san,
gan sgathadh as gu lèir;
Gun cuirear as an ainm air fad,
's an àl a thig nan dèidh.
14Aingidheachd 'athraichean gu robh
air chuimhn' aig Dia a‑ghnàth:
Is ciont' a mhàthar mar an ceudn'
na cuirear as gu bràth.
15Gu robh iad air an taisbeanadh
am fianais Dhè do shìor;
A‑chum gun sgathadh e a‑mach
an iomradh as an tìr.
16Oir dhearmaid e bhith tròcaireach,
is shàraich e am bochd,
'S an t‑ainnis, chum gum marbhadh e
neach gan robh cridhe goirt.
17Mar thug e toil do mhallachadh,
mallaicht' biodh e gach là:
Is mar nach b'àill leis beannachadh,
na èireadh beannachd dha.
18Amhlaidh mar rinneadh leis e fhèin
a chuartachadh gach àm,
Le eascaint is le mallachadh,
ceart mar le trusgan teann,
'S amhlaidh gun tigeadh siud gu beachd
mar uisge steach na chom,
'S mar ola drùidheadh siud gu geur
na chnàmhan fhèin gu trom.
19Biodh siud mar aodach uimesan,
ga fhalach air gach tràth:
Is amhlaidh mar an crios a bhios
ga chrioslachadh a‑ghnàth.
20On Tighearna gun toirear siud
dom naimhdean mar an duais,
'S don dream an aghaidh m'anam' tha
gnàth-labhairt uilc gun truas.
21Ach air mo chrann bi thusa, Dhè,
air sgàth d'ainm' uasail fhèin;
Do bhrìgh gu bheil do thròcair math,
dèan saoradh dhomh am fheum.
22Oir tha mi aimbeartach gu beachd,
is tha mi ainnis lom,
A ta mo chridhe air a lot
an taobh a‑staigh dem chom.
23Is amhlaidh tha mi gabhail seach
mar sgàil a' claonadh sìos;
Air m'fhuadach mar an lòcast truagh
thuig' agus uaith a‑rìs.
24Mo ghlùinean tha air fàilneachadh,
aig meud mo thraisg a‑ghnàth;
Is m'fheòil aig dìobhail saill is sult
air seargadh as a ta.
25Am adhbhar fochaid tha mi fòs
don aitim ud gu lèir:
Chrath iad an cinn gu fanaideach,
tràth sheall iad orm gu geur.
26Fòir orm, a Thighearna mo Dhia;
ad thròcair cuidich mi:
27Gun tuig iad gur i seo do làmh,
's gur tu rinn siud, a Dhè.
28'N tràth bhitheas iad ri mallachadh,
beannaich-sa sinn gu pailt;
Biodh orra nàir', air èirigh dhaibh;
ach d'òglach-sa biodh ait.
29Gu robh iad air an cuartachadh,
m'uil' eascairdean le nàir';
'S mar fhallaing air an uachdar biodh
an amhluadh fhèin le tàir.
30Ach mise, ghnàth, àrd-mholaidh mi
Iehòbhah Dia lem bheul:
Is fòs, am measg a' choitheanail,
cuiridh mi chliù an cèill.
31Oir tha e leis an duine bhochd
na sheasamh air a dheis,
Ga theasairginn on dream lem b'àill
'anam-san fhàgail ris.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 109: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy