Sailm Dhaibhidh 108

108
Salm 108
1Mo chrìdh' tha ann am fonn, a Dhè,
gu socair mar as còir;
Is seinnidh mi gu ceòlmhor dhut,
is molam thu lem ghlòir.
2Mosglaibh, is èiribh grad an àird,
shaltair 's a chlàrsach ghrinn,
Mosglaidh mi fhèin, is èiridh mi
gu moch chum ceòl a sheinn,
3O Thighearna Iehòbhah mhòir,
measg chinneach, molam thu,
'S am measg an t‑sluaigh gu h‑urramach
àrd-seinnidh mi do chliù.
4Oir tha do thròcair mòr os cionn
nan nèamhan shuas gu lèir:
Is ruigidh d'fhìrinn mar an ceudn'
gu neulan àrd' nan speur.
5Bi thusa, Dhè, os cionn nan nèamh
air d'àrdachadh gu mòr;
Is fòs os cionn gach uile thìr
togar gu sìor do ghlòir.
6A‑chum gu dèanar fuasgladh leat
dod phoball ionmhainn fhèin,
O teasairg mi led ghàirdean deas,
is freagair mi am fheum.
7Na naomhachd labhair Dia nam feart:
Bidh aoibhneas orm nach gann,
Air Sechem nì mi roinn gu ceart,
gleann Shucoit tòimhsear leam.
8'S leam Gilead le dlighe cheirt,
Manaseh 's leam gu beachd;
'S i treubh Ephraim neart mo chinn:
bheir Iùdah mach mo reachd.
9Is soitheach-ionnlaid Mòab dhomh,
tilgeam thar Edom thruaigh
Mo bhròg: is nì mi caithreim binn
thar Palestin le buaidh.
10Cò bheir don chathair dhainginn mi,
's gu Edom bheir gu ceart?
11Nach tusa, Dhè, len d'thrèigeadh sinn,
's nach tèid thu mach ler feachd?
12O thrioblaid tabhair còmhnadh dhuinn,
oir 's dìomhain furtachd dhaoin'.
13Trìd Dhè nì sinne treubhantas:
's e shaltras naimhdean fòdh'.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 108: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy