Sailm Dhaibhidh 106

106
Salm 106
1O thugaibh moladh mòr do Dhia,
is buidheachas faraon,
Oir tha e math, mairidh gu bràth
a thròcair ghràsmhor chaoin.
2Gnìomharan treun' Iehòbhah mhòir,
cò dh'fhaodas chur an cèill?
Cò dh'fhaodas fòs a chliù ro‑mhòr
a thaisbeanadh gu lèir?
3'S beannaicht' an aitim ud gu beachd
a ghleidheas breitheanas,
'S an neach ud fòs a nì gach uair
ceartas is ionracas.
4Dhia, cuimhnich ormsa leis a' ghràdh
thug thu dod phoball fhèin;
O thig led shlàinte shòlasaich
gam fhiosrachadh am fheum.
5Gum faic sinn math do dhaoine taght',
's gun dèan sinn aoibhneas mòr
Nan aoibhneas siud; 's led oighreachd fhèin
gun dèan sinn uaill is glòir.
6Do pheacaich sinn ler sinnsirean;
is fòs do rinneadh leinn
Mòr chiont' ad aghaidh fhèin, a Dhè;
gu h‑aingidh pheacaich sinn.
7Ar sinnsirean cha tug fa‑near
do bheairtean mìorbhaileach,
A rinneadh leat an tìr na h‑Eiph't
gu treunmhor cumhachdach;
Is lìonmhorachd do thròcair chaoimh
dhìochuimhnich iad gu truagh;
'S iad aig a' mhuir gad bhrosnachadh,
ri cois na fairge ruaidh.
8Ach theasairg e gu tèaraint' iad,
air sgàth dheagh ainme fhèin;
A‑chum gun nochdadh e mar sin
a chumhachdan ro‑threun.
9Leig e a‑mach geur achmhasan
is thiormaich a' mhuir ruadh;
Is stiùir e tro an doimhneachd iad,
Mar tro an fhàsach chruaidh.
10O làimh an tì thug dhaibhsan fuath,
dh'fhuasgail e phoball fhèin,
11'S o làimh an naimhdean mìorunach
shaoradh leis iad gu treun.
Is dh'fhalaich uisg' an eascairdean:
cha d'fhan fiù aon dhiubh beò.
12Chreid iad an sin a bhriathran-san,
's a chliù do sheinneadh leo.
13Air dearmad leigeadh leo gu cas
a ghnìomharan ro‑threun;
Cha d'fhuirich iad gu foighidneach
ra chomhairl' eagnaidh fhèin.
14San fhàsach ghlac miann cìocrach iad,
'n sin bhuair iad Dia gu luath.
15An iarrtas thug e dhaibh, ach chuir
caoil' air an anam truagh.
16Sa champa ghabh iad farmad mòr
ri Maois an duine caomh,
'S ri Aaron, neach a roghnaich Dia
dha fhèin na shagart naomh.
17An talamh dh'fhosgail e a bheul,
shluig Datan sìos gu grad;
Buidhinn Abiraim mar an ceudn'
dh'fhalaich e iad air fad.
18Is fòs am measg an cuideachd-san
ghrad-las an teine teth;
Is loisg an lasair suas gu lèir
na h‑aingidh ud fa leth.
19Dhealbh iad an sin is rinn iad laogh,
gu truagh aig Horeb àrd,
'S don ìomhaigh leaght' a rinneadh leo
adhradh thug iad gun dàil.
20Is amhlaidh chaochail iad gu bochd
an Dia 's an glòir gu lèir,
Gu cosamhlachd is ìomhaigh fhaoin
an daimh a dh'itheas feur.
21An Dia thug tèarnadh dhaibh nam feum
dhìochuimhnich iad gu grad;
An neach len d'rinneadh beairtean mòr'
an tìr na h‑Eiph't air fad:
22Is gnìomharan ro‑iongantach
an dùthaich Cham le buaidh,
Mar sin is nithean uamhasach
ri cois na fairge ruaidh:
23Thubhairt e air an adhbhar sin
gum millt' iad leis gu lèir,
Mur seasadh 'òglach taghte, Maois,
fa chomhair, anns a' bheum:
A‑chum gun dèant' a chorraich mhòr
a thilleadh air a h‑ais,
Eagal na fheirg gun dèanadh e
a phoball fhèin a sgrios.
24Dhiùlt iad le tàir an tìr ro‑mhath;
nìor chreid iad facal Dhè:
25Nam pàilleanan rinn monmhar mòr,
's da ghuth cha tug iad gèill.
26An sin nan aghaidh thog e 'làmh,
gan sgrios san fhàsach lom:
27A sgrios an sliochd measg fhineachan,
's gan sgaoileadh feadh gach fuinn.
28Ri Baal-peor mar an ceudn',
naisg iad iad fhèin gu dlùth:
Is dh'ith iad cuid de ìobairtean
nan iodhal marbh' nach fiù.
29Bhrosnaich iad e mar sin gu feirg,
len innleachdan gu truagh;
Is bhris a' phlàigh an sin gu mòr
a‑steach am measg an t‑sluaigh.
30Sheas Phinehas, is rinn e 'n ceart;
'n sin sguir a' phlàigh den claoidh:
31Siud mheasadh dha mar fhìreantachd
o linn gu linn a‑chaoidh.
32Aig uisge còmhstri Mheribah
bhrosnaich iad Dia a‑rìs;
Air chor, fa chùis a' phobaill ud,
gun d'èirich olc do Mhaois.
33Oir rinneadh leo a spiorad-san
a bhrosnachadh gu geur:
Ionnas gun d'labhair e an sin
gu cabhagach le bheul.
34Na cinnich cha do sgriosadh leo
mar dh'àithn Iehòbhah dhaibh:
35Ach mheasg iad leis na fineachan,
is dh'fhòghlaim iad an dòigh.
36Do iodhalan nam fineachan
iad seirbhis rinn gu truagh:
Bha siud mar lìon 's mar ribe dhaibh,
len ghlacadh iad gu luath.
37Seadh, thug iad suas mar ìobairtean
do dheamhnan 's dhealbhan brèig
Am mic 's an nigheanan faraon,
an aghaidh naomh-reachd Dhè.
38Is fuil nan neochiontach gu truagh
do dhòrtadh leo gun sgàth;
B'i fuil am mac 's an nighean fhèin
a dhòirt iad gun chion-fàth,
Do iodhalan Chanàain fòs
mar ìobairt thug an sliochd;
Mar sin do thruailleadh leo an tìr,
le fuil gun truas gun iochd.
39Is amhlaidh sin len gnìomharan
do thruailleadh leo iad fhèin:
Chaidh iad air strìopachas o Dhia
len innleachdan gu lèir.
40Fan adhbhar ud las corraich Dhè
ra phoball fhèin gu teth:
Ionnas gun ghabh e gràin gu mòr
da oighreachd air gach leth.
41Is amhlaidh rinn e 'n tabhairt suas
do làimh nam fineach fiat';
Is thug thu dhaibh mar uachdarain
an dream a dh'fhuathaich iad.
42Rinneadh gu mòr an sàrachadh
len naimhdean làidir treun';
Is leagadh iad gu h‑ìosal sìos
fon làimh siud mar an ceudn'.
43Gu minig thug e saorsa dhaibh;
ach bhrosnaich iad e rìs
Len comhairlean, is leagadh iad
airson an ceannairc sìos.
44Ach thug e 'n àmhghar mòr fa‑near,
tràth chualadh leis an glaodh;
45Is chuimhnich e dhaibh mar an ceudn'
a chùmhnant gràsmhor caomh;
Is ghabh e aithreachas a rèir
mòr-shaoibhireachd a ghràis:
46'S nan sealladh-san rinn braighdean dhiubh
fhuair e dhaibh iochd is truas.
47Thusa, Iehòbhah mhòir ar Dia,
dèan saoradh dhuinn nar feum,
Is dèan, am measg nam fineachan,
ar tional leat gu lèir:
Dod ainm ro‑naomh gun tugamaid
mòr-bhuidheachas gu pailt':
Do chliù 's do mholadh mòr faraon
gun seinneamaid gu h‑ait.
48'S beannaicht' an Triath, Dia Israeil,
o chian nan cian gu bràth:
Abradh an sluagh gu lèir, Amen!
Molaibh-se Dia a‑ghnàth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 106: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy