Sailm Dhaibhidh 105

105
Salm 105
1O thugaibh buidheachas do Dhia;
air ainm-san gairibh fhèin;
Is cuiribh fòs a ghnìomharan
am measg nan sluagh an cèill.
2Seinnibh do Dhia Iehòbhah mòr,
sailm seinnibh dha gu binn;
Is aithrisibh gu h‑iomlan fòs
na mìorbhailean a rinn.
3As ainm ro‑naomha-san faraon
dèanaibh deagh-uaill is glòir;
Biodh gàirdeachas air crìdh' an dream
dh'iarras Iehòbhah mòr.
4Iarraibh Iehòbhah mòr nam feart,
iarraibh a neart a‑ghnàth;
A ghnùis tha gràsmhor fàbharach,
sìor iarraibh i gu bràth.
5Cuimhnichibh fòs na mìorbhailean
a rinneadh leis gu treun:
A ghnìomharan ro‑iongantach,
is breitheanais a bhèil;
6O sibhs' a ghineil Abrahaim,
deagh òglaich dhìleas Dhè:
Sibhse chlann Iàcoib mar an ceudn',
a roghnaich e dha fhèin.
7'S esan ar Tighearn is ar Dia,
Iehòbhah mòr gu fìor:
Tha bhreitheanais ro‑chothromach
air sgaoileadh feadh gach tìr'.
8Oir chuimhnich e gu sìorraidh buan
a choicheangal gu beachd;
'S am facal fòs a dh'òrdaich e
do mhìltean àl ri teachd;
9An coicheangal a rinn e fhèin
ri Abrahàm gu caoin,
'S na mionnan a thug e le bheul
do Isaac, òglach caomh:
10Is amhlaidh sin do Iàcob fòs
dhaingnich e e mar reachd;
Mar choicheangal gu sìorraidh buan
do Israel gu beachd:
11Ag ràdh, Tìr Chanàain bheir mi dhuibh,
mar chrann ur n‑oighreachd fhèin.
12Nuair bha iad tearc, 's nam buidhinn bhig,
's nan coigrich innt' gu lèir.
13Is air bhith dhaibh ag imeachd fòs
o thìr gu tìr gun tàmh;
A' triall feadh sluaigh is rìoghachdan,
nach fac' iad riamh ro làimh:
14Cha d'leig le neach an gortachadh;
ach smachdaich air an sgàth
Mòr-rìghrean neartmhor cumhachdach;
's e riu mar seo ag ràdh;
15Feuchaibh nach bean sibh ris an dream
a dh'ungadh leam gu caomh:
Is fòs na dèanaibh cron air bith
no lochd air m'fhàidhean naomh'.
16Fòs ghairm e gortan steach don tìr,
is lorg an arain bhris.
17Ach chuir e Iòseph romhpa sìos,
reiceadh mar thràill gun fhios.
18Le geimhlean dhochainn iad a chas',
laigh e an iarann teann;
19Gu 'n uair an tàinig facal Dè;
is dhearbh siud e san àm.
20An rìgh an sin chuir airsan fios,
is dh'fhuasgail air gu caoin:
Seadh, uachdaran nam fineachan
is leig e e fa sgaoil.
21Is air a theaghlach thug e dha
àrd-thighearnas gu lèir:
Ard-uachdranachd a stòrais mhòir,
thug esan dha da rèir;
22A cheangal mar a chìte dha
àrd-cheannardan na tìr':
'S gun tugadh e da sheanairean
teagasg air gliocas fìor.
23Do rìoghachd na h‑Eiphit thàinig fòs
clann Israeil gu lèir,
'S bha Iàcob is a shliochd air chuairt
an talamh Cham le chèil':
24Thug esan air a phoball fhèin
an sin ro‑lìonmhor fàs,
Is na bu treasa rinn e iad
na 'n naimhdean anns gach càs.
25Cridhe an dream ud dh'iompaich e
thoirt fuath da phoball naomh,
'S gum buineadh iad gu cealgach olc
ra sheirbhisich ro‑chaomh.
26An sin chuir e dheagh òglach Maois,
Aaron a thagh e fhèin.
27Nochd iad a bheairtean mìorbhaileach,
an talamh Cham gu treun.
28Chuir orra duibhre, 's dhorchaicheadh;
'n sin thug iad gèill da ghuth.
29Dh'iompaich gu fuil an uisgeachan,
is mharbh e 'n t‑iasg nan sruth.
30Is losgainn ann an lìonmhorachd
sin bhrùchd an tìr a‑mach,
Am fàrdaichean an rìghrean-san,
's nan seòmraichean a‑steach.
31Air 'iarrtas thàinig iomadh gnè
de chuileagan gu grad:
Is mialan lìonmhor mar an ceudn'
nan crìochan fhèin air fad.
32Airson an uisge thug e dhaibh
clach-shneachd gu frasach geur,
Is lasair theine-dhealanaich
air feadh na tìr gu lèir.
33Na craobhan fìon, is fìge fòs
ghrad-bhuaileadh leis gu trom;
Is bhriseadh agus reubadh leis
gach crann a bha nam fonn.
34Thug esan àithne 's thàinig iad,
lòcaist gu lìonmhor ann,
'S na burrais sgriosach iomarcach,
gun orra cunntas cheann;
35Gach luibh san fhearann dh'itheadh leo;
is dh'itheadh leo gach meas.
36Bhuail e gach ciad-ghin anns an tìr,
toiseach am brìgh 's an treis'.
37Le òr 's le airgead thug e mach
a phoball fhèin gun dìth;
'S cha robh nan treubhan-san air fad
neach easlainteach gun chlì.
38Bu shubhach leis na h‑Eiphitich
nuair chaidh iad uap' a‑mach.
Oir thuit an eagal-san gu mòr
le uamhann air gach neach.
39Neul os an cionn sgaoil esan mach
mar bhrat no cùirtean mòr;
Le teine mar an ceudn' san oidhch'
thug solas dhaibh gu leòr.
40Am poball dh'iarr, is thug e dhaibh
na gearran-goirt gu pailt;
'S le aran nèimh o speuran àrd'
thug dhaibh an sàth gun airc.
41A' charraig sgoilt e, bhrùchd a‑mach
na h‑uisgeachan gu leòr;
Is anns an fhàsach thartmhor theth
ruith iad mar abhainn mhòir.
42Chionn gun do chuimhnich e an sin
fhacal 's a ghealladh naomh,
Is mar an ceudna Abrahàm
'òglach ro‑dhìleas caomh.
43Is uime sin thug e a‑mach
a shluagh le aoibhneas mòr;
'S a dhaoine fhèin a roghnaich e,
le gàirdeachas is ceòl.
44Is fearann fòs nam fineachan
thug esan dhaibh air fad;
Is mheal iad mar an oighreachd fhèin
saothair nan cinneach ud.
45A‑chum gun tugadh iad fa‑near
a reachdan mar as còir,
'S gun gleidheadh iad a lagh faraon,
Molaibh Iehòbhah mòr.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 105: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy